Skip to content

Sabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig

Stèidhichte ann an Slèite anns an Eilean Sgitheanach, ’s e Sabhal Mòr Ostaig an aon ionad Foghlam Àrd-ìre is Leantainneach anns an t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman ionnsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin ann an àrainn bhogaidh bheairteach.

Bidh daoine a’ tighinn thugainn às iomadh ceàrnaidh den t-saoghal airson eòlas is ionnsachadh air leth tron Ghàidhlig, eadar cùrsaichean do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus rannsachadh PhD, an dà chuid air làrach na Colaiste agus air astar. Tha cothrom ann don a h-uile duine air an àrainn againn leis na cùrsaichean is oidean barraichte. Dè an còrr a dh’iarradh tu? Thig a chèilidh oirnn ann an Slèite far an cur thu fhèin eòlas oirnn!

CÙRSAICHEAN FO-CHEUM

Cùrsaichean ceuma uile air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

CÙRSAICHEAN FOR-CHEUM

Prògraman for-cheum eadar ceuman maighstireachd agus cothroman PhD.

CÙRSAICHEAN AIR ASTAR

Às bith càit a bheil thu san t-saoghal, tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

CÙRSAICHEAN GOIRID

Cùrsaichean Goirid air an làraich agus air-loidhne ann an Gàidhlig, ceòl agus cultar.

Gàidhlig... Càit an tòisich mi?

A bheil thu ùr chun na Gàidhlig, air neo a bheil beagan agad mar-thà? Brùth an tiotal gu h-àrd gus faicinn dè na cùrsaichean a th’ againn do luchd-ionnsachaidh!

CLASAICHEAN AIR-LOIDHNE - FOGHAR IS GEAMHRADH 2026/27

Tha na clasaichean air-loidhne seo a-nis fosgailte airson bucadh.

CÙRSAICHEAN GOIRID NA CÀISGE 2027

Tha Cùrsaichean Goirid na Càisge a-nis fosgailte airson bucadh!

SEIMINEARAN RANNSACHAIDH 2026

Thoir sùil air na prògraman de sheimeanaran rannsachaidh a tha air a bhith againn.

IONAD SÀR-MHATHAIS ANN AN TEAGASG

A’ toirt taic do thidsearan an comasan eòlas-teagaisg a leasachadh.

Dè tha Dol?

Tha an t-uabhas a’ dol aig an t-Sabhal tron bhliadhna, eadar òraidean, seiminearan rannsachaidh, cùrsaichean goirid, clasaichean coimhearsnachd, cuirmean-ciùil is làithean fosgailte. Cùm sùil an seo airson fiosrachadh mu thachartasan san àm ri teachd.

Gheibhear am barrachd fios mu na Clasaichean Coimhearsnachd againn an seo is cuideachd faodar cumail suas ri na naidheachdan as ùire bhon t-Sabhal le bhith a’ brùthadh an seo.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578