‘Ceanglaichean Cruthachail’ – Air-loidhne
Mar co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig, tha sinn uabhasach toilichte a bhith a lìbhrigeadh a’ chùrsa ghoirid ‘Ceanglaichean Cruthachail’ airson a’ chòigeamh bhliadhna.
Bidh an cùrsa fad trì-latha seo air a stiùireadh leis an Dr Mairi McFadyen agus Raghnaid Sandilands, agus ‘s ann airson daoine cruthachail (luchd-ealain lèirsinneach, sgrìobhadairean, ceòladairean, tidsearan, luchd-rannsachaidh ùr beul-aithris agus luchd-teagaisg cruthachail) a tha an cùrsa. Chòrdaidh e ri daoine a tha airson barrachd ionnsachadh mun ghoireas air-loidhne seo, cò rinn na clàraidhean agus carson, agus an luach a th’ annta dhuinn san latha an-diugh.
Cuiridh com-pàirtichean eòlas air na tasglannan a tha a’ biathadh a-steach gu Tobar an Dualchais, mar Sgoil Eòlais na h-Alba, Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Radio nan Gàidheal, a bharrachd air na seanchaidhean mòra a th’ anns na tasglannan am pailteas. Coimheadaidh na h-oidean air mar a chleachdar na clàraidhean bhon ghoireas airson cruthachalachd ionadail, eag-eòlas cultarail agus mothachadh àrainneachd.
Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla ach bidh e a’ coimhead air nithean dlùth-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.
Am measg nan seiseanan bidh:
- A’ phàirt aig tasglannan ionadail ann an cùis-èiginn na gnàth-shìde le Mairi McFadyen
- Com-pàirteachadh coimhearsnachd cruthachail agus na tasglannan le Raghnaid Sandilands
- Aiteal – sùil air an t-saoghal bheò agus cànan tro phrosbaig nan tasglannan le Raghnaid Sandilands
- Am Feadan Cuilc – ath-chruthachadh air feadan ionadail à Uibhist a Deas às dèidh obair-raoin le Decker Forrest
Anns a’ chùrsa seo, bidh cuideam air com-pàirteachadh cruthachail. Bidh com-pàirtichean air am brosnachadh gu bhith a’ smaointinn air mar a tha na clàraidhean a’ toirt buaidh orra, agus gheibh iad dòighean agus misneachadh gus tòiseachadh le bhith faighinn a-mach mu na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann don obair aca fhèin- ma ‘s e pròiseact coimhearsnachd ionadail, obair ealain, pìos sgrìobhaidh, no taisbeanadh ciùil a bhios ann.
Ma tha sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn mun chùrsa, cuiribh post-d gu Flòraidh Forrest aig: . Faodaidh sibh cuideachd ar leantainn air Facebook agus Twitter agus Instagram, far am faigh sibh na naidheachdan as ùire mun ghoireas air-loidhne seo.
Eisimpleirean bho Thobar an Dualchais:
- Màiri Mhoireasdan air a clàradh le Iain Latharna Caimbeul ann an 1950 a’ gabhail an t-òran pìobaireachd ‘A Cholla Mo Rùin’.
- Annag Arnott air a clàradh le Calum Iain MacIllEathain a’ gabhail an srath spè ‘Falbhaidh Mise ’s Padra Mòr’.
- Aonghas MacIllFhialain ag aithris ‘Duan na Ceàrdaich’ airson Iain Latharna Caimbeul ann an 1949.

