Latha Measaidh FICE – An Lòchran, Glaschu
Deit : Disathairne 07 am Màrt, 09:00m – 03:15f
Càite : An Lòchran, Unit 1, 22 Mansfield Street, Partaig, Glaschu G11 5QP
Cosg : £30 gach duine
A bheil sibh air a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig bho chionn ghoirid agus a-nis airson beagan fianais fhaighinn air na rinn thu gu ruige seo?
Tha sinn air leth toilichte latha measaidh a chur air chois anns An Lòchran ann an Glaschu do luchd-ionnsachaidh a tha airson teisteanas a choisinn aig ìre A1 den Fhrèam Iomraidh Cumanta Eòrpach (FICE). Tha na measaidhean seo ag amas air daoine a tha air ìre A1 a ruigsinn mar-thà, le bhith a’ crìochnachadh a’ chùrsa SpeakGaelic A1, no cùrsa eile do luchd-tòiseachaidh coltach ris, agus le bhith a’ dèanamh timcheall air 100 uair a thìde de dh’ionnsachadh.
Bidh an latha measaidh ann an ceithir pàirtean, a’ dèanamh sgrùdadh air sgilean leughaidh, sgilean sgrìobhaidh, sgilean èisteachd agus sgilean labhairt. Air dhaibh a’ chùis a dhèanamh air a’ mheasadh, gheibh tagraichean teisteanas bho Shabhal Mòr Ostaig a’ dearbhadh an comais chànain a rèir a’ chlàr-mheasaidh oifigeil aig FICE.
Air dhaibh ìre A1 a ruigsinn, bu chòir do luchd-ionnsaichidh a bhith comasach air faclan agus abairtean làitheil glè bhunaiteach as aithne dhaibh a thuigsinn agus a chleachdadh. Bu chòir gum bi iad comasach iad fhèin agus daoine eile a chur an aithne a chèile agus a bhith comasach air ceistean a chur agus a fhreagairt mu fhiosrachadh pearsanta bunaiteach, mar eisimpleir cò às a tha iad, càit a bheil iad a’ fuireach, fiosrachadh mun teaghlach aca, cur-seachadan agus an obair aca, agus na rudan as toil leotha is nach toil leotha. Bu chòir gum bi luchd-ionnsachaidh comasach air conaltradh bunaiteach a dhèanamh sa chànan air cuspairean pearsanta as aithne dhaibh.
Faicibh an Sgèile FICE agus eisimpleir den mheasadh gu h-ìosal airson tuilleadh mu na thathar an dùil ris bho thagraichean A1.
FICE-A1- Sgrìobhadh Pàipear 1
FICE-A1- Leughadh Pàipear 1
FICE-A1- Èisteachd Pàipear 1
FICE-A1- Bruidhinn Pàipear 1
Clàr-ama an latha
9:00m – Fàilte
9:30m-10:15m – Measadh Leughaidh
10:15m-11:00m – Measadh Sgrìobhaidh
11:00m-11:30m – Srùbag
11:30m-12:15f – Measadh Èisteachd
12:15f-1:15f – Biadh
1:15f-3:15f – Measaidhean Labhairt (aig uair fa leth aig a h-uile oileanach)
Ma tha ceist sam bith agaibh, cuiribh post-d gu Màrtainn Mac a’ Bhàillidh

