A chàirdean còire
Sa chiad dol-a-mach, tha mi airson mealaibh ur naidheachd a ràdh ris a h-uile duine a tha a’ ceumnachadh an-diugh. Bu chòir dhuibh a bhith gu math moiteil às na rinn sibh.
Tha mi cuideachd airson taing mhòr a ràdh ri Sabhal Mòr Ostaig airson cuireadh a thoirt dhomh a bhith an làthair a-nochd aig a’ Cholaiste, an t-àite far an do dh’atharraich mo bheatha.
Beagan fealla-dhà, ach chan e breug a tha sin.
Feumaidh mi aideachadh nach eil e idir a’ faireachdainn cho fada bhon a bha mi fhèin a’ suidhe far a bheil sibhse… agus uill, tha deagh adhbhar ann airson sin. Chan eil e air a bhith cho fada – cha robh ann ach trì bliadhna air ais.
Nam cheann, nuair a smaoinicheas mi air Òraidiche na Ceumnachd, ’s e cuideigin beagan nas aosta a th’ ann. Uill, chan e aosta, ach “mature”. Gu follaiseach, tha Gillian, Aonghas agus Bòrd an t-Sabhail den bheachd gu bheil mi nas “mature” na tha mi fhèin.
Tha e a’ cur iongnadh mòr orm cuideachd gu bheil mi a’ seasamh suas an seo air an àrd-ùrlar a’ gabhail òraid oifigeil ri taobh an t-seann choidse iomain agam.
Tha mi an dòchas gu bheil mi nas fheàrr air a bhith a’ gabhail òraidean na bha mi air a bhith a’ cluich iomain, eh Aonghais?
Cuideachd, nam cheann, mar as trice ’s e cuideigin na bu shoirbheachaile na tha mi fhèin a bhios suas an seo, ach tha sibhse stuigte leamsa.
Co-dhiù, tha mi an seo gus mo ghliocas a thoirt seachad…
Ma tha càil dhen sin agam.
Leig fios dhomh aig an deireadh.
Ann an 2020, am meadhan chùisean cracte COVID, ghluais mi suas an seo dhan eilean gus tòiseachadh air a’ Chùrsa Chonaltraidh agus beatha ùr.
Bha mi 18 agus cha robh mi a-riamh air a bhith a’ fuireach air falbh bho mo phàrantan. Feumaidh mi ràdh, bha mi air bhioran.
Bha mi deiseil airson beatha spòrsail, bheothail, chracte aig an oilthigh. Is uill, chan e briseadh-dùil a bh’ anns a’ chiad oidhche.
Ach cha chreid mi gur e sgeulachd a tha sin airson an àrd-ùrlair…faighnich dhomh aig a’ chèilidh.
An ath mhadainn, nuair a shuidh mi sìos anns a’ chiad chlas agam le Tim, cha robh mi ’s dòcha a’ faireachdainn a’ cheart cho dòchasach mu dheidhinn a bhith aig an oilthigh.
Mhothaich mi an uair sin nach robh a’ bhliadhna a bha romham gu bhith cho furasta ’s a bha mi an dòchas, leis gu robh esan a’ bruidhinn mu riaghailtean gràmair nach do chleachd mi a-riamh, agus ag ràdh fhaclan nach cuala mi idir anns na trì bliadhna deug de sgoil.
Tha cuimhneachain shònraichte agam bhon bhliadhna sin ge-tà. Dh’ionnsaich mi an t-uabhas mun Ghàidhlig agus mum dheidhinn fhèin, rinn mi caraidean a bhios nam bheatha gu bràth, agus bha an cothrom agam fuireach ann an àite far an robh Gàidhlig dha-rìribh beò – agus àite a bha glè fhaisg air cuid de na beanntan as fheàrr ann an Alba.
Thill mi an ath bhliadhna gus an cùrsa TBh a dhèanamh agus barrachd bheanntan a shreap.
Bliadhna gu math trang agus gu math practaigeach.
Dh’ionnsaich mi gur e sin an rud as fheàrr dhomh – rudan practaigeach.
Làithean fada trang, ach a-rithist, abair gu robh spòrs againn. Ach ma leanas mi orm a’ bruidhinn mu cho math ’s a bha an cùrsa, bhiodh sinn an seo fad na h-oidhche.
Às dèidh dhomh ceumnachadh, chaidh mi a dh’obair air FilmG, co-fharpais nam filmichean goirid Gàidhlig. Bha tòrr dhiofar obraichean agam am measg sin, ach gu tric rinn mi bùithtean-obrach sna sgoiltean.
Ghluais mi air falbh bho na meadhanan airson bliadhna agus dh’obraich mi le sgioba Spòrs Gàidhlig mar neach-trèanaidh a’ bhlàir a-muigh.
Bha mi ann an gach ceàrnaidh de dh’Alba, a’ toirt bhuidhnean de sgoilearan a-mach dhan uisge no suas beanntan àrda.
Abair gu bheil sgeulachd no dhà agam bhon bhliadhna ‘ud.
O chionn ghoirid, tha mi air a bhith a’ dèanamh beagan a bharrachd preasantadh air an TBh agus cuideachd a’ dèanamh m’ obair fhèin air na meadhanan sòisealta.
Obraichean uile co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.
Agus bliadhnaichean air ais, cha chreideadh mi sin.
“I hate Gaelic” – faclan a thàinig a-mach às mo bheul tric gu leòr san sgoil.
Cha do chòrd an cànan rium.
Cha tug mi an aire air cho cudromach ’s a bha i, cho fortanach ’s a bha mi fhèin gun robh dà chànan agam, ’s gun robh ceangal agam ri cultar a tha cho beartach.
B’ e dìreach an cànan a chleachd na tidsearan agam a bh’ ann.
A-nis, chan urrainn dhomh sgur a bhruidhinn mun Ghàidhlig… ann an deagh dhòigh, bidh sibh taingeil a chluinntinn.
Faighnich dha mo charaidean, dha mo theaghlach, dhan luchd-leantainn agam air na meadhanan sòisealta, no dhan chupal a shuidh ri mo thaobh aig a’ bhùth cofaidh madainn an-diugh.
Tha i mar phàirt mhòr de mo bheatha a-nis, ann an iomadh diofar dhòigh, nam obair is nam bheatha shòisealta.
Nuair a bha mi san àrd-sgoil, bha mi den bheachd gun robh Gàidhlig a’ cuingealachadh mo roghainnean.
A-nis, tha e coltach gun do rinn i dìreach an dearbh chaochladh.
Chruthaich mi post o chionn bliadhna air Instagram mu na h-àiteachan far an do landaig mi air sgàth na Gàidhlig.
Seo dìreach cuid de na bha air an liosta sin:
Sgùrr Dearg, no an Inaccessible Pinnacle,
A’ preasantadh aig Radio 1’s Big Weekend,
Pàirc Nàiseanta Eryri anns a’ Chuimrigh,
a’ surfadh ann an Tiriodh,
stiùidiothan rèidio is telebhisein,
a’ campachadh ann am meadhan sgìre Chnòideirt le buidheann Spòrs Gàidhlig,
a’ crochadh far creag ann am Barraigh,
air tandem ann an Diùra le m’ athair,
aig mullach Mount Kenya.
Agus mu dheireadh àite far nach biodh duine sam bith airson landaigeadh… Steòrnabhagh airson an Deasbaid Nàiseanta.
Nise, tha mi cinnteach gum bi ceist no dhà agaibh mu chuid den a’ sin, ach tha mi airson bruidhinn mun fhear mu dheireadh.
An t-adhbhar a bha mi aig an Deasbad ’s e air sgàth mo thidseir Ghàidhlig, Mgr MacCoinnich.
Mar a thuirt mi, cha robh mi dèidheil air Gàidhlig san àrd-sgoil agus bha mi airson a fàgail air mo chùlaibh cho luath ’s a b’ urrainn dhomh.
Thàinig Mgr MacCoinnich dhan sgoil agam nuair a bha mi a’ dol a-steach dhan cheathramh bliadhna.
Thàinig e a-steach le spionnadh agus spòrs, agus thòisich an clas a’ còrdadh rium nas fheàrr.
Dh’inns e dhomh mu na cothroman a dh’fhaodainn fhaighinn leis a’ Ghàidhlig agus mu dheidhinn an àite seo fhèin, Sabhal Mòr Ostaig.
Bha mi riamh a’ smaoineachadh gum bithinn ag obair ann an rudeigin mar saidheans no matamataig, ’s dòcha air sgàth ’s gur e sin na bha m’ athair agus na tidsearan air a bhith a’ moladh dhomh tro mo bheatha sgoile.
Ach thòisich am beachd sin air atharrachadh nuair a thòisich mi a’ tuigsinn dìreach cho sònraichte ’s a bha e gun robh a’ Ghàidhlig agam.
Thachair seo nuair a thug Mgr MacCoinnich sinn dhan Deasbad Nàiseanta ann an Steòrnabhagh.
Chòrd e rium glan!
A’ coinneachadh ri daoine òga eile le Gàidhlig, a’ deasbad agus a’ gabhail òraid air beulaibh luchd-èisteachd, agus am faireachdainn de choimhearsnachd a bha ann.
Leis an spionnadh a fhuair mi bhon Deasbad agus am brosnachadh bho Mgr MacC, thòisich mi a’ beachdachadh air na rudan as urrainn dhòmhsa a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig agam.
Is mar sin, air sgàth Mgr MacC, chùm mi orm leis a’ Ghàidhlig agus landaig mi an seo.
Am puing a tha mi a’ feuchainn ri dhèanamh an seo ’s e gu bheil mi a’ smaointinn, mar dhaoine a tha a’ ceumnachadh agus a’ falbh a-mach gus obair ann an saoghal na Gàidhlig, gum feum sinn tuigsinn a’ bhuaidh a dh’fhaodas a bhith againn air daoine òga ann an saoghal na Gàidhlig.
Ge bith dè tha sibh a’ dèanamh às dèidh a bhith a’ ceumnachadh – a’ teagasg, ag obair anns na meadhanan, a’ cluich ceòl no a’ stiùireadh sheiseanan air a’ bhlàr a-muigh – tha cothrom agaibh a bhith nad neach a dh’atharraicheas beachd cuideigin air a’ Ghàidhlig.
An neach a bhrosnaicheas sgoilear gus cumail orra leis a’ Ghàidhlig.
An neach a chuidicheas iad gus na tha iad dha-rìribh airson dèanamh leis a’ chànan a lorg.
An neach a sheallas dhaibh gur e cànan beò a th’ ann nach eil dìreach ri chluinntinn sa chlas.
’S dòcha sna bliadhnaichean ri thighinn gum bi cuideigin eile a’ seasamh suas an seo a’ gabhail òraid agus a’ bruidhinn mu do dheidhinn-sa, ag ràdh dìreach cho brosnachail agus cudromach ’s a bha thu nam beatha-san.
Trì bliadhna air ais, cha robh fios agam càit an robh a’ Ghàidhlig a’ dol gam thoirt.
Chan eil fhios agam càit an toir i mi fhathast.
Chan eil fhios agam càit an toir i sibhse.
Agus ’s dòcha gur e sin an rud as inntinniche.
Gur math a thèid leibh.
Agus…
Suas leis a’ Ghàidhlig!

