Cìsean 2020 - 21
Tha cìsean teagaisg a' ciallachadh na phàigheas tu airson an teagasg a gheibh thu tron bhliadhna is bidh iad eadar-dhealaichte a rèir dè an cùrsa a tha thu a' dèanamh, cò às a tha thu agus far a bheil thu a fuireach gu h-àbhaisteach. Bu chòir dhut cuideachd smaoineachadh air cosgaisean a bharrachd mar cosgaisean fuirich, biadh agus rudan eile leithid leabhraichean. Ma tha dragh idir ort mu chìsean is cosgaisean feuch gun cuir thu fios don Oifis Chlàraidh air +44(0)1471 888304 is bheir iad comhairle dhut ma bhios taic no cuideachadh ann dhut.