COTHROMAN OBRACH
Is e Sabhal Mòr Ostaig aon de na fastaichean as motha anns an Eilean Sgitheanach a’ tabhann chothroman-obrach fad-bliadhna. Le còrr is 100 neach-obrach, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhuine sam bith a tha airson a bhith an lùib coimhearsnachd-obrach a tha brosnachail, a chuireas luach sa chànan agus a tha a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha obair sgioba ann a bhith a’ cur ri iomairt na Gàidhlig.
Tha co-ionannachd chothroman aig cridhe an t-Sabhail, agus tha sinn airson ‘s gum bi cothrom aig duine sam bith air an cànan prìseil seo a chleachdadh nan obair làitheil. Leis a sin, tha sinn a’ creidsinn nach bu chòir ciorram, aois, ùine ann an cùram, gnè, nàiseantachd no fèin-aithne bacadh a chur ort sin a dhèanamh.
Far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach anns an dreuchd, tha na sanasan obrach againn ann an Gàidhlig a-mhàin. Far a bheil sanas dà-chànanach, bhiodh e math nan robh Gàidhlig agad, ach tha cothroman ionnsachaidh gan tabhann mar phàirt den obair. Faic na cothroman obrach gu h-ìosal.
BUILL BÒRD STIÙIRIDH AN T-SABHAIL
Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, a’ sireadh bhall ùra airson ar Bòrd Stiùiridh.
Seo cothrom air leth gus cuideachadh le riaghladh na Colaiste, agus bidh sibh ag obair còmhla ri Buill a’ Bhùird, luchd-obrach agus oileanaich gus cànan agus cultar na Gàidhlig a chur air adhart. Le Achd nan Cànan Albannach 2025, chunnacas clach-mhìle chudromach san iomairt gus tuilleadh aithne is taice a thoirt dhan Ghàidhlig agus mar sin tha cothrom agaibh a bhith ag obair còmhla rinn aig Sabhal Mòr Ostaig aig àm fìor dhòchasach dhan chànan.
’S e dreuchd shaor-thoileach a tha seo, far am faigh sibh cothrom sònraichte gus cuideachadh le amasan is lèirsinn na Colaiste, riaghladh na Colaiste, ar ro-innleachd ionmhasail agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gun toir ar n-obair buaidh air cànan, foghlam is cultar na Gàidhlig thar na h-ùine fada.
Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean bho gach raon is roinn, agus thathar gu sònraichte a’ sireadh iarrtasan bho dhaoine aig a bheil eòlas air Foghlam Àrd-ìre, conaltradh ro-innleachdail no co-chonaltradh is cùisean poilitigeach.
Thèid coinneamhan a’ Bhùird a chumail ann an Gàidhlig, mar sin feumaidh sibh a bhith fileanta sa chànan. Chan fheum eòlas a bhith agaibh air mar a bhios Bùird Stiùiridh ag obair, oir gheibh sibh taic le sin ma bhios sibh feumach air.
Ma tha a’ Ghàidhlig cudromach dhuibh agus ma tha ùidh agaibh sa chothrom seo, cuiribh fios gu airson tuilleadh fiosrachaidh.
Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu
Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Brath Prìobhaideachd – Buill a Bhùird
Foirm Co-ionannachd (Doc)
OIFIGEAR RUIGSINNEACHD IS CHEADAN
Tuarastal: £26,500 – £28,252 (a rèir eòlais)
Uairean: 35 uairean a thìde gach seachdain (cùmhnant fad aon bhliadhna)
Tha Tobar an Dualchais a’ sireadh neach le Gàidhlig a tha brosnachail, eagraichte agus cruthachail gus a dhol an sàs san sgioba mar Oifigear Ruigsinneachd is Cheadan Gàidhlig. Bidh dreuchd chudromach aig an neach seo ann a bhith a’ ceangal choimhearsnachdan ris an dualchas bheairteach a tha air a ghleidheadh ann an Tobar an Dualchais / Kist o Riches, le fòcas gu h-àraidh air Sgìrean Cànain Sònraichte.
Ag obair gu dlùth le luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-foghlaim agus buidhnean com-pàirteach, bidh an dreuchd a’ toirt taic do choimhearsnachdan agus sgoiltean gus barrachd ionnsachadh mu dhualchas na sgìre aca. Cuiridh an obair seo an uair sin taic ri bhith a’ sireadh cheadan gus tuilleadh chlàraidhean-fuaim a chur air làrach-lìn a’ phròiseict.
’S e cothrom brosnachail a tha seo do chuideigin aig a bheil dìoghras airson cultar na Gàidhlig agus dealas airson a bhith a’ neartachadh ruigsinneachd air beul-aithris na h-Alba.
Gus cur a-staigh airson na dreuchd, faodaidh tu am foirm-iarrtais agad a chur gu ro 5f, Dihaoine 24 Giblean 2026.
Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)
OIFIGEAR CÀILEACHD
Tuarastal: £36,859–£40,716 (a rèir eòlais)
Uairean: Cùmhnant thar Ùine Shuidhichte (fad co-dhiù 24 mìosan) | Dreuchd Làn-thìde (deònach beachdachadh air uairean pàirt-thìde)
Càite: An t-Eilean Sgitheanach (deònach beachdachadh air dòigh-obrach mheasgaichte)
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Oifigear Càileachd airson cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh, a’ cur an gnìomh agus a’ sgrùdadh mhodhan-obrach gus càileachd acadaimigeach a dhearbhadh is a leasachadh air feadh na Colaiste.
Bidh sibh ag obair ann an sgioba beag, co-obrachail far am bi sibh a’ cuideachadh le sgrùdaidhean bliadhnail, ath-sgrùdaidhean air prògraman agus pròiseasan barantachaidh, mar thaic do dh’obair na Colaiste an lùib Frèam Dearbhaidh Càileachd na Treas-ìre (TQEF). Bidh sibh ag obair còmhla ri luchd-ùidhe air taobh a-staigh agus taobh a-muigh na Colaiste agus bidh sibh a’ dèanamh cinnteach gun tèid sàr ìrean acadaimigeach a ruighinn.
Bidh eòlas freagarrach agaibh a fhuair sibh ann an raon an fhoghlaim no ann an raon eile a tha fo riaghladh, agus bidh sàr sgilean eagrachaidh is conaltraidh agaibh, agus bidh sibh fileanta sa Ghàidhlig, ga bruidhinn agus ga sgrìobhadh.
’S e obair thar ùine shuidhichte a tha seo airson co-dhiù 24 mìosan, a chaidh a chruthachadh gus taic a chumail ris a’ Cholaiste fhad ’s a tha sinn ag obair an lùib TQEF ùr. Bheir an neach-dreuchd taic nach beag seachad gus cuideachadh le sgrùdaidhean bliadhnail, ath-sgrùdaidhean air prògraman agus pròiseasan barantachaidh, agus bidh sibh ag obair gu dlùth còmhla ri co-obraichean acadaimigeach is proifeiseanta gus dèanamh cinnteach gu bheil leasachadh a’ sìor thighinn air cùisean.
Gus cur a-staigh airson na dreuchd, faodaidh tu am foirm-iarrtais agad a chur gu ro 5f, Dihaoine 08 Cèitean 2026.
Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)
NEACH-TAICE GLÈIDHIDH NA H-OIGHREACHD
Tuarastal: £13.45 san uair
Tha sinn a’ sireadh Neach-taice Glèidhidh na h-Oighreachd earbsach agus practaigeach a chuidicheas le bhith a’ sgioblachadh agus a’ gleidheadh gàrraidhean agus àrainn Sabhal Mòr Ostaig.
Bidh thu ag obair 5-6 uairean a thìde san t-seachdain san dreuchd seo, agus bidh an obair seo glè fhreagarrach dhut ma tha e a’ còrdadh riut a bhith ag obair a-muigh agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach nì sgiobalta agus snog mar a bu chòir.
Am measg na dleastanasan a bhios agad tha:
- A’ gearradh agus a’ sgioblachadh oirean far a bheil feur
- A’ sgioblachadh diofar àiteachan air àrainn na Colaiste
- Obair ghleidhidh air àrainn na h-oighreachd
- A’ toirt taic do Sgioba na h-Oighreachd ann an àiteachan a-muigh nuair a bhios feum air sin
Tha sinn a’ sireadh neach:
- A tha practaigeach, earbsach, agus comasach air obair a dhèanamh air an ceann fhèin
- Aig a bheil tuigse bhunaiteach air obair ghàrraidh is obair a-muigh
- A tha comasach air obair a dhèanamh a-muigh ann an diofar sheòrsaichean sìde
Bhiodh e na bhuannachd nam biodh eòlas agad air an t-seòrsa obrach seo, ach chan fheum eòlas a bhith agad oir gheibh thu trèanadh.
’S e obair shealach, ràitheil a tha seo, le uairean sùbailte agus bidh na th’ ann de dh’obair a gheibh thu a rèir dè an t-àm dhen bhliadhna a th’ ann.
Nan còrdadh e riut a bhith ag obair a-muigh agus a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil àrainn na Colaiste sgiobalta agus spaideil, bu toil leinn cluinntinn bhuat. Cuir post-d thugainn le aithris ghoirid a’ mìneachadh dè cho freagarrach ‘s a tha thu airson na dreuchd gu Gill Morgan:
Ceann-latha airson iarrtasan: Dimàirt 28 Giblean 2026, 5f
LUCHD-TAIC SGIOBA GHLANAIDH
Làn-ùine / Pàirt-ùine
Tuarastal: £22,932 pro rata
Thig a dh’obair mar phàirt den sgioba de luchd-taic aoigheachd againn aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha dreuchdan bàn againn an-dràsta airson Luchd-taic Sgioba Ghlanaidh làn-ùine is pàirt-ùine. Tha dleastanasan a’ gabhail a-steach glanadh agus seirbheiseachadh seòmraichean-cadail oileanach/aoigheachd, oifisean, seòmraichean-teagaisg, seòmraichean-cuirm agus raointean poblach agus a bhith a’ deasachadh seòmraichean-coinneimh agus ag ullachadh airson tachartasan taobh a-staigh na Colaiste.
Chan eil feum air eòlas roimhe seo oir bidh Iàn threànadh air a thoirt seachad, cho math ri cothrom Gàidhlig ionnsachadh no a leasachadh. Dh’fhaodadh gum bi àite-fuirich ri fhaighinn.
- Cothroman cosnaidh fad na bliadhna
- Tuarastal farpaiseach
- 35 làithean dheth pàighte sa bhliadhna
- Sgeama peinnsein
- Seòmar eacarsaich
Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu
Foirm Iarrtais (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)

