Agathe de Bailliencourt
’S i Agathe de Bailliencourt, a bhuineas do Pharis, an neach-ealain air mhuinntireas 2016 – Sgoilearachd Jon Schueler – iomairt a tha air a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig fad ceithir bliadhna.
Tha am pròiseact seo gu bhith a’ ruith fad ceithir bliadhna eile ann an co-bhonn le Urras Carthannas Jon Schueler.’S i Agathe, a tha a’ fuireach ann am Berlin, a’ chiad pheantair a choisinn àite air a’ phrògram seo, rud a tha glè iomchaidh am- bliadhna leis gu bheilear a’ comharrachadh ceud bliadhna bhon a rugadh am peantair eas-chruthach, agus an sgoilearachd air a stèidheachadh mar chuimhneachan air (Jon Schueler, 1916 – 1992).
Tha cliù air feadh an t-saoghail aig Agathe mar pheantair is bidh i ag obair le canabhas, pàipear, ailtireachd agus nàdar. Airson na sgoilearachd, dhealbhaich Agathe obair freumhaichte san àite a bha ceangailte gu dlùth ri àrainneachd na sgìre. ’S e dòigh obrach ùr a bha seo do Agathe, le a bhith a peantadh a-muigh anns an àrainneachd.
“Bha an turas agam don Eilean Sgitheanach air leth cudromach nam chuid obrach. Bha mi fhìn den bheachd gur ann nuair nach fhaicte sian a bha an àrainneachd seo na bu tharrangaiche buileach – na sgòthan a’ siubhal, an solas a’ sìor-atharrachadh, an dà chuid caochlaideach agus bàrdail. Fhad ’s a bha mi ri m’ obair, shiubhail cuid de na sgothan tron obair an da-rìreabh, agus bha seo glè inntinneach a chionn ’s gu bheil ùidh agam ann an ’clàradh’ ùine agus suidheachaidh.”
Fhad ’s a bha i aig a’ Cholaiste, stèidhich Agathe a cuid obrach air sreath dhealbhan mòra, aicriolach air canabhas le dathan-uisgeach agus air sreath dhealbhan peansail a chleachd faclan airson cruth na tìre a mhìneachadh.
Chaidh an obair aice a thaisbeanadh ann an Singapore sa gheamhradh, agus dùil gum bi iad a’ nochdadh ann an Zona Maco ann am Meagsago sa Ghearran agus an uair sin aig taisbeanadh Armory ann an New York.