An Lòchran – Penthouse
Bidh fàilte bhlàth a’ feitheamh riut aig An Lòchran! Gabhaidh an t-àite seo ceathrar is faodar a ghlèidheadh an seo.
Tha An Lòchran air an t-siathamh làr de dh’àite-fuirich nan oileanach anns an Tùr aig Sabhal Mòr Ostaig.
Suidhichte aig cridhe coimhearsnachd Shlèite, tha An Lòchran na dheagh àite airson a bhith stèidhichte is an t-Eilean Sgitheanach fhaicinn le seallaidhean eireachdail de mhuir is beanntan na Linne Slèitich gu Cnòideart agus Malaig air tìr-mòr.
Na Sèomraichean
Tha aon seòmar-cadail dùbailte ann agus seòmar le dà leabaidh shingilte, taigh-beag le fras, seòmar-suidhe, àite-bìdh agus cidsin a bharrachd air balconaidh.
Tha na seirbheisean riatanach uile faisg air làimh, a’ toirt a-steach bùth ionadail Armadail is Oifis a’ Phuist, garaids agus Ionad Slàinte Shlèite, a bharrachd air ceanglaichean còmhdhail anns an eilean agus far an eilein.
’S e àite air leth a tha seo airson fois a ghabhail agus seallaidhean àlainn Linne Shlèite a ghabhail a-steach bho uinneagan mòra an Lòchrain.
Faodar An Lòchran a bhucadh le bhith bruthadh am putan gu h-ìosal.