Skip to content

Seiminear-rannsachaidh: An t-Oll. Tríona Ní Shíochain, Ollscoil Mhá Nuad

Gleusadairean is Ath-ghleusadairean – ath-bhreithneachaidh air guthan nam ban ann an dualchas nan òran Gaeilge

Diciadain 24 Giblean 2024 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne

Sa phàipear seo bithear a’ coimhead air cruthachaileachd ann an òrain an t-seann nòis, le sùil gu h-àraidh air na modhan cruthachaidh is ath-chruthachaidh a bhiodh aig seinneadairean is bàird nan òran an lùib beul-aithris, an dà chuid a thaobh nam faclan agus a thaobh a’ chiùil. Tha na cleachdaidhean ealanta dualchasach a tha mar bhunait do na h-òrain Ghaeilge a’ sealltainn mar a bha ath-chruthachadh a’ dol air adhart mar phàirt de sheinn is ionnsachadh nan òran.

Le bhith a’ coimhead air sin, ’s urrainnear ath-bhreithneachadh a dhèanamh air àite is brìgh guthan nam boireannach ann an òrain thraidiseanta na Gaeilge. Thathar airson dearbhadh an seo, leis mar a chuireadh iad gleus as ùr air fuinn nan òran agus air caochladh dhòighean seinn agus leis mar a chuireadh iad dreach as ùr air diofar thionndaidhean de dh’òrain, gun robh an liut is an t-ealantas nach bu bheag a bh’ aig boireannaich le Gaeilge a thaobh ath-chruthachadh is ath-ghleusadh a’ ciallachadh gum b’ urrainn dhaibh a dhol an sàs gu h-ealanta ann am meadhanan a bha mar phàirt de ‘shiostaman cumhachd’ a’ chomainn-shòisealta is buaidh a thoirt orra, agus le sin bha iad a’ cur an aghaidh agus a’ lagachadh buaidh smachd nam fear agus smachd a’ chomainn-shòisealta fhèin.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578