Brightspace agus myday
Ùrachaidh a’ Cholaiste na h-innealan teicnigeach aca gu tric airson na dòighean ionnsachaidh aig a’ Cholaiste a leasachadh agus cothroman a bharrachd a thoirt do dhaoine a’ Ghàidhlig ionnsachadh.
myday
‘S e portal oileanach OGE a th’ ann am myday. Tha i loma-làn rudan air leth a bheir fios dhut air na tha a’ dol aig an oilthigh agus sa Cholaiste, agus fiosrachadh gu leòr ann mu shaoghal nan oileanach ann an aon àite feumail air-loidhne. Tha rudan làitheil ann leithid cead a-steach don VLE, Clàraidhean OGE agus post-d, ach tha ceanglaichean ann cuideachd ri iomadh rud feumail eile leithid bathar-bog airson a luchdachadh a-nuas, taic theicneòlach, taic ionadail, naidheachdan agus eile.
Tha myday ri lorg an seo. Log a-steach leis an fhios agad fhèin: ‘s e sin À, agus leis an fhacal-fàire agad.
‘S urrainn dhut an t-app UHI Myday a luchdachadh a-nuas bho bhùth Apple no Android cuideachd.
Brightspace
‘S e Virtual Learning Environment (VLE) a th’ ann am Brightspace, air a chleachdadh le luchd-obrach is oileanaich; airson barrachd fios, faic làrach-lìn OGE.

