Skip to content

Seiminear-rannsachaidh: Caitlin Powell, Sabhal Mòr Ostaig

Sùilean Gàidhlig, Speuclairean Beurla: Dathan ann an Litreachas agus Dualchas Nitheil

Diciadain 06 Màrt 2024 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne

Rinn mi sgrùdadh air lèirsinn-dhathan anns a’ Ghàidhlig, agus ciamar a tha i eadar-dhealaichte bho leirsinn-dhathan Bheurla, gu sònraichte a thaobh fiamh agus gleans. Tha cultaran eile le leirsinn-dhathan coltach ris a’ Ghàidhlig, mar an t-Seann Ghreugais, mar a sgrìobh Gladstone air Homer. Leis a’ phrìomh rannsachadh ann an raon leirsinn-dhathan, tha an rannsachadh ga dhèanamh tro speuclairean Beurla, gun a bhith mothachail air sin.

Bha an luchd-rannsachaidh a’ sireadh dhathan co-ionnan ris a’ Bheurla. B’ e an trioblaid a bu mhotha nach robh iad a’ dèanamh sgrùdadh air briathrachas dhathan ann an co-theacsa dualchas nitheil a’ chultair. Ged nach eil briathran eadar-dhealaichte airson ‘blue’ agus ‘green’, neo briathran fa leth co-dhiù, tha e soilleir bhon dualchas nitheil, mar eisimpleir dealbhan ann an làmh-sgrìobhainnean leithid Leabhar Cheannanais, gun robh cleachdadh-dhathan eadar-dhealaichte eadar an dà dhath, le cleachdadh agus samhlachas sònraichte.

Mar a bha mì-thuigsinn agus claon-bharail air cultar Gàidhlig tron eachdraidh oir cha robh co-ionnanachd ann leis a’ mhòr-chultar Shasannach, am broinn an raon leirsinn-dhathan, tha e cudromach cuideachd a bhith a’ sireadh co-theacsa airson a’ chultair, agus a bhith a’ cleachdadh ar sùilean Gàidhlig airson taobhan eadar-dhealaichte fhaicinn.

Caitlin Powell

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578