Skip to content
Picture of students

CEISTEAN CUMANTA

Ma chuireas tu fios thugainn, ‘s urrainn dhuinn mòran de na ceistean agad a fhreagairt mus tig thu. Ach seo agad feadhainn de na ceistean as cumanta a th’ ann mu bheatha aig Sabhal Mòr Ostaig:

1. A bheil thu a’ gealltainn gum bi àite-fuirich agam?

Cho luath ‘s a thèid àite làn-ùine air cùrsa a thabhann, tha sinn a’ gealltainn gum bi àite-fuirich ann.

2. Am bu chòir dhomh aodach-leapa is searbhadairean a thoirt leam?

Faodaidh tu, ach cha ruig thu leas. Gheibhear aodach-leapa is searbhadairean bhon Cholaiste, is thèid seòmraichean a ghlanadh uair san t-seachdain.

3. A bheil bùth air àrainn na Colaiste?

Tha, is i a’ reic uidheam-sgrìobhaidh, leabhraichean cùrsa is rudan riatanach eile. Tha bùth bheag a’ reic biadh is gròsaireachd dà mhìle bhon Cholaiste. Tha bùth mhòr anns a’ bhaile as fhaisge oirnn, An t-Ath Leathann.

4. A bheil ATM aig a’ Cholaiste?

Tha, tha ATM ri lorg taobh a-staigh a’ phrìomh dhoras aig ACC.

5. A bheil comann oileanach ann?

Tha bàr aig a’ Cholaiste a tha fosgailte aig diofar amannan tron t-seachdain agus airson chèilidhean, sheiseanan-ciùil agus thachartasan eile. Tha togalach ann, an urra ri Comann nan Oileanach, a dh’fhaodadh oileanaich a chleachdadh is a chumail mar gur ann leotha fhèin is a tha e.

6. Dè chosgas e a bhith a’ fuireach air àrainn na Colaiste?

Bidh na h-àitichean-fuirich agus biadh a’ cosg £5,400 airson na bliadhna acadaimigich 2023–24. Gheibhear barrachd fios mu chosgaisean àite-fuirich an seo.

7. An tèid agam air an t-eadar-lìon fhaighinn?

Thèid. Faodaidh oileanaich an t-eadar-lìon a chleachdadh aig àm sam bith oir tha wi-fi ri fhaighinn an-asgaidh anns na seòmraichean aca, is tha àite-ceangail anns gach seòmar cuideachd. Tha Complannan na Colaiste fosgailte bho 9m gu 11f gach latha.

8. Càit am faigh mi srùbag no greim bìdh?

Tha seòmraichean suidhe le TBh, inneal DBhD agus cidsin beag anns, no faisg air, gach togalach-fuirich. Gheibhear coire ann am feadhainn de na seòmraichean-cadail cuideachd. A bharrachd air an seo, faodar srùbag a cheannach aig bùth na Colaiste no ann an Cafaidh Ostaig ann an IIN.

9. Am bi àite gu leòr ann airson a’ chàir no a’ bhaidhsagail agam?

Bithidh. Tha àitichean-pàrcaidh gu leòr ann aig a’ Cholaiste. Chuir Sabhal Mòr Ostaig sgeama baidhsagail air dòigh bho chionn greiseag agus tha sinn cuideachd a’ tabhann ghoireasan stòrais airson baidhsagalan.

10. A bheil fònaichean-làimhe ag obair an sin?

Tha!

11. Am bi agam ri mo sheòmar fhàgail aig àm sam bith?

Bidh agad ri do sheòmar fhàgail aig àm a’ Chàisg agus aig àm Nollaig. Ma tha thu sa chiad bhliadhna, bidh agad ri do sheòmar fhàgail cuideachd ma tha thu a’ dol air Greis Gnìomhachais. Chan fheum thu do sheòmar fhàgail ma tha thu ga dhèanamh san sgìre fhèin ge-tà.

12. A bheil Neach-glèidhidh air an làraich?

Tha neach-glèidhidh air an làraich agus faodar greim fhaighinn orra 24/7.

13. Chan eil an seòmar agam a’ còrdadh rium.

Ma tha thu airson gluasad gu seòmar eile, feumar bruidhinn ris a’ Mhanaidsear Aoigheachd gus fuasgladh fhaighinn. ‘S dòcha nach bi e comasach do ghluasad, ach thig a bhruidhinn rinn co-dhiù.

14. Dè nì mi ma chailleas mi an iuchair no Fob agam?

Ma chailleas tu an iuchair no fob agad, thig dhan Ionad-Fàilte airson tèile. Bidh cosgais de £40 ann airson feadhainn ùra – £20 airson iuchair ùr agus £20 airson fob ùr. Ma chailleas tu iad tron oidhche, feumaidh tu greim fhaighinn air an neach-glèidhidh.

15. Càit am bi mi ag ithe mo bhiadh?

Bidh am biadh air fad san t-Seòmar Bìdh ann an Àrainn Chaluim Chille, ach tha Café IIN ann cuideachd far am faighear brot, ceapairean, cofaidh is bèicearachd tron latha.

16. Dè nì mi ma Tha feumalachdan sònraichte agam a thaobh bìdh?

Tha àite air am foirm-iarrtais àite-fuirich far as urrainnear fiosrachadh sam bith a tha iomchaidh a sgrìobhadh. Feuchaidh sinn ri do chuideachadh le rud sam bith.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578