
Co-labhairt bhliadhnail ASL 2026
Sabhal Mòr Ostaig, an t-Eilean Sgitheanach
26–28 an t-Ògmhios 2026
Gairm Phàipearan
‘Trì guthan ar dùthcha’: Sruthan is saobh-shruthan ann an litreachas na Gàidhlig agus litreachasan Albannach eile
Thèid co-labhairt bhliadhnail ASL 2026 a chumail aig, agus ann an co-bhonn ri, Sabhal Mòr Ostaig bho Dhihaoine 26 Ògmhios gu Didòmhnaich 28 Ògmhios 2026.
Leanaidh a’ cho-labhairt seo air co-labhairtean soirbheachail cheana, a lean gu foillseachadh dà leabhair bhuadhmhoir le ASL: Crossing the Highland Line: Cross-currents in Eighteenth-Century Scottish Writing (2009) agus Gael and Lowlander in Scottish Literature: Cross-currents in Scottish Writing in the Nineteenth Century (2015). Cuiridh leabhar eile a tha ri thighinn, stèidhichte air pàipearan co-labhairt taghte, crìoch air an t-sreath seo.
Tha sinn a’ cur fàilte air molaidhean pàipeir a tha a’ coimhead air eadar-obrachadh am measg litreachas Albannach – sa Ghàidhlig, sa Bheurla agus san Albais – ann am bàrdachd, dràma, nobhailean, òran agus na meadhanan craolaidh san fhicheadamh linn.
Tha sinn a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgoilearan agus oileanaich PhD a tha ag obair ann an raointean buntainneach. Bu chòir tiotalan agus geàrr-chunntasan airson phàipearan 20-mionaid a chur a-steach ro 2 Gearran 2026 gu:
Gairm Phàipearan
