Skip to content
Picture of Conor

Conor O’ Grady

Tha an neach-ealain is cùradair Èireannach, Conor O’ Grady, air tòiseachadh mar Neach-ealain ùr Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, fo Sgoilearachd Jon Schueler a tha air a bhith ruith a-nis son ochd bliadhna aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.

’S e com-pàirteachas gun samhail a th’ anns an Sgoilearachd, eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Carthannach Jon Schueler, le taic Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh airson beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich, Jon Schueler (1916-1992), a chomharrachadh agus a chuimhneachadh, agus airson a dhàimh shònraichte le dreach tìre is mara agus àrainneachd Linne Shlèite aithneachadh.

Stèidhichte ann an Dùn nan Gall agus Maigh Eo, fhuair Conor oideachadh ann an Ealain aig Ionad Teicneòlais Bhaile Àtha Cliath agus aig Colaiste Nàiseanta Ealain is Dhealbhachaidh. Tha e air mòran obrach fhoillseachadh agus air grunn dhuaisean is choimiseanan fhaotainn, nam measg: Neach-ealain air Mhuinntireas aig Siamsa Tíre, Tèatar Dùthchasach Nàiseanta na h-Èireann, Tràigh Lì (2018); Krems Neach-ealain air Mhuinntireas, Kunsthalle Krems, An Ostair (2017) agus Neach-ealain air Mhuinntireas le Stiùidio nan Ealain Didseatach, Beul Feirste (2017). Tha Conor air a chuid obrach a thaisbeanadh leis fhèin agus ann an taisbeanaidhean le daoine eile, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach Maigh Eo, An Ostaire, Baile Àtha Cliath, Tasmania, Melbourne agus Lunnainn.

Tha Conor a’ cur dòighean sgrùdaidh is clàraidh is rannsachadh stuthach/lèirsinneach an sàs mar na prìomh dòighean-obrach aige nuair a bhios e ri cruthachadh. Tha deasbad, còmhradh agus conaltradh aig teis-meadhan a chuid obrach nuair a bhios e a’ cnuasachadh bheachdan-smuain. Ach tha peantadh, tarraing dhealbhan is meadhanan traidiseanta eile cudromach na chuid obrach fhathast.

A’ bruidhinn mun Sgoilearachd, thuirt Conor: “Tron mhuinntireas, cleachdaidh mi dòighean cnuasachaidh bheachdan-smuain, còmhradh, agallamhan neo-fhoirmeil, agus dòighean eile gus fiosrachadh a chruinneachadh, a’ gabhail a-steach rannsachadh stuthach airson cànan, eachdraidh, dualchas agus cultar traidiseanta an eilein ‘s muinntir an eilein a rannsachadh, le cuideam sònraichte air mar a tha iad seo cumanta ann an Alba agus Èirinn.

Thig seo gu crìch le sreath de dhealbhan, snaidheadh, ionadan agus eadar-theachdan dùthchail a bhios a’ sgrùdadh bith-iomadachd an eilein agus a bhios a’ coimhead air a’ chothromachadh eadar planntaichean dùthchasach agus ionnsaigheach, a’ cleachdadh seo mar mheata-tomhais airson a’ chothromachadh eadar dòighean-beatha traidiseanta agus atharrachaidhean co-aimsireil ann an gnìomhachasan leithid àiteachas, iasgach agus turasachd.

An-dràsta tha mi a’ dèanamh sgrùdadh air na sgìrean timcheall air a’ cholaiste, na diofar dhòighean sa bheil an fhearann air a chleachdadh, na tha air fhàgail de ghnìomhachasan traidiseanta agus bith-iomadachd na sgìre seo agus gan cleachdadh gus ìomhaighean a chruthachadh anns an stiùidio agam a bhios nan ionadan nas motha airson taisbeanadh gailearaidh.

O chionn ghoirid fhuair mi na mìltean de stampaichean postachd air an eilean, cuid dhiubh a’ dol air ais gu na 1880n agus cuid dhiubh bho dheireadh nan 1910an gu tràth sna 1940an, dh’ fhaodadh gur ann bho shaighdearan a bha a’ fuireach ann an sgìrean aig àm a’ Chiad is an Dàrna Cogaidh a bha a’ cur litrichean air ais gu na teaghlaichean aca, is dòcha san Eilean Sgitheanach. Thèid an raon mhòr de dhathan is ìomhaighean a chithear air na stampaichean an cois nan ìomhaighean, eadar-theachdan agus ionadan mar dhuilleagan a tha air tuiteam.”

Picture of a painting
Picture of some stones
Picture of a caravan
Picture of sea shells
Picture of a landscape

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578