COTHROMAN OBRACH
Is e Sabhal Mòr Ostaig an treas fastaiche as motha anns an Eilean Sgitheanach a’ tabhann chothroman-obrach fad-bliadhna. Le còrr is 100 neach-obrach, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhuine sam bith a tha airson a bhith an lùib coimhearsnachd-obrach a tha brosnachail, a chuireas luach sa chànan agus a tha a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha obair sgioba ann a bhith a’ cur ri iomairt na Gàidhlig.
Tha co-ionannachd chothroman aig cridhe an t-Sabhail, agus tha sinn airson ‘s gum bi cothrom aig duine sam bith air an cànan prìseil seo a chleachdadh nan obair làitheil. Leis a sin, tha sinn a’ creidsinn nach bu chòir ciorram, aois, ùine ann an cùram, gnè, nàiseantachd no fèin-aithne bacadh a chur ort sin a dhèanamh.
Far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach anns an dreuchd, tha na sanasan obrach againn ann an Gàidhlig a-mhàin. Far a bheil sanas dà-chànanach, bhiodh e math nan robh Gàidhlig agad, ach tha cothroman ionnsachaidh gan tabhann mar phàirt den obair. Faic na cothroman obrach gu h-ìosal.
PRÌOMH CHÒCAIRE
Tuarastal: £28,623 – £32,452 sa bhliadhna
Uairean: 35 uairean a thìde gach seachdain (5 latha a-mach à 7, agus bidh thu ag obair aig an deireadh-sheachdain uaireannan mar phàirt de sin)
Fòrladh Bliadhnail: 35 làithean, a’ gabhail a-steach làithean-saora poblach (bidh agaibh ri feadhainn a ghabhail aig an Nollaig)
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Prìomh Chòcaire a bhios os cionn sgioba a’ chidsin agus bidh thu ag obair còmhla riutha gus biadh sàr mhath agus làn mathais a thoirt do ar n-oileanaich, luchd-obrach agus aoighean. Seo dreuchd ghnìomhach far am bi cothrom agad clàran-bìdh ullachadh agus stiùireadh is comhairle a thoirt do luchd-obrach.
Am measg nam prìomh dhleastanasan tha:
- A’ planadh airson agus ag ullachadh diofar chlàran-bìdh
- A’ stiùireadh sgioba a’ chidsin, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur air dòigh clàran-obrach, trèanadh is cothroman leasachaidh dhaibh
- A’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ cumail ri riaghailtean co-cheangailte ri slàinteachas bìdh agus slàinte is sàbhailteachd
- A’ cuideachadh le còcaireachd airson tachartasan, choinneamhan agus tachartasan sònraichte aig a’ cholaiste
- A’ stiùireadh mar a thèid biadh is stuthan eile òrdachadh, co-chonaltradh ri luchd-solair agus buidseatan a’ chidsin
Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu ro 17:00, Dihaoine 24mh an Dàmhair 2025.
Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)
NEACH-ÀIRE (PÀIRT-ÙINE)
Tuarastal: £22,932 – £23,513 pro rata
Uairean Obrach: Pàirt-ùine (Cùmhnant 12 mìosan)
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Neach-aire earbsach is gnìomhach a bhios ag obair pàirt-ùine agus a chuidicheas le bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil àrainn na Colaiste sàbhailte, glan agus goireasach.
Mar phàirt dhen obair seo, a mhaireas 12 mìos, bidh agaibh ri obair a dhèanamh air an oidhche is aig an deireadh-sheachdain bho àm gu àm agus bidh diofar dhleastanasan oirbh leithid tèarainteachd nan toglaichean, obair-ghleidhidh, taic le glanadh, obair ullachaidh airson tachartasan, agus a’ cumail làrach na Colaiste sgiobalta. Thathar a’ sùileachadh gum bi eòlas agaibh air obair luchd-aire no air obair ghoireasan, agus gum bi sgilean càraidh bunaiteach agus cead-dràibhidh na RA agaibh.
Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu
Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)
OBRAICHE-CLUICHE – FÀS MÒR
Làn-ùine (dreuchd shealach rè fòrladh màthaireil)
Le teisteanasan: £25,577 – £27,544
Gun teisteanasan: £24,898 – £25,577
An toil leat a bhith ag obair le clann? A bheil thu airson piseach a thoirt air na sgilean Gàidhlig agad? A bheil thu a’ sireadh chothroman trèanaidh ann an cùram-chloinne? Gabh an cothrom airson a bhith ag obair còmhla rinn aig Fàs Mòr, ionad cùraim-chloinne Shlèite airson clann aois 0-12.
Dh’fhaodadh tu a bhith mar phàirt de sgioba còir, cruthachail agus dìcheallach agus gheibheadh tu cothrom a bhith ag obair le clann agus cuideachadh le bhith a’ cur ghnìomhan spòrsail, togarrach air dòigh a chuireas ri ionnsachadh na cloinne. ’S e cothrom air leth a tha seo ma tha thu airson a bhith ag obair le clann agus ag iarraidh dreuchd a thoirt a-mach ann an cùram-chloinne.
- Tha sinn a’ tabhann chothroman trèanaidh matha is sgeama peinnsein
- Stèidhichte aig Bun-sgoil Shlèite
- Ma thèid d’ fhastadh, bidh agad ri pàirt a ghabhail san sgeama PVG agus clàradh leis an SSSC
Cuir fios gu Gill Morgan airson tuilleadh fiosrachaidh neo ma tha ceistean sam bith agad.
Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu
Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)