Skip to content

COTHROMAN OBRACH

Is e Sabhal Mòr Ostaig aon de na fastaichean as motha anns an Eilean Sgitheanach a’ tabhann chothroman-obrach fad-bliadhna. Le còrr is 100 neach-obrach, tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhuine sam bith a tha airson a bhith an lùib coimhearsnachd-obrach a tha brosnachail, a chuireas luach sa chànan agus a tha a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha obair sgioba ann a bhith a’ cur ri iomairt na Gàidhlig.

Tha co-ionannachd chothroman aig cridhe an t-Sabhail, agus tha sinn airson ‘s gum bi cothrom aig duine sam bith air an cànan prìseil seo a chleachdadh nan obair làitheil. Leis a sin, tha sinn a’ creidsinn nach bu chòir ciorram, aois, ùine ann an cùram, gnè, nàiseantachd no fèin-aithne bacadh a chur ort sin a dhèanamh.

Far a bheil a’ Ghàidhlig riatanach anns an dreuchd, tha na sanasan obrach againn ann an Gàidhlig a-mhàin. Far a bheil sanas dà-chànanach, bhiodh e math nan robh Gàidhlig agad, ach tha cothroman ionnsachaidh gan tabhann mar phàirt den obair. Faic na cothroman obrach gu h-ìosal.

MANAIDSEAR AN IONAD – FÀS MÒR

Tuarastal: £12,067 – £13,994 sa bhliadhna airson 14 uairean a thìde gach seachdain

Cùmhnant: Maireannach,Pàirt-ùine

Tha Fàs Mòr ag ullachadh airson a bhith fosgailte a-rithist. Tha sinn a’ sireadh manaidsear comasach, taiceil airson a bhith a’ stiùireadh chùisean co-cheangailte ri càileachd, luchd-obrach agus leasachaidhean air seirbheisean, agus bidh thu ag obair còmhla ri obraiche-cluiche làn-thìde a bhios a’ co-òrdanachadh na h-obrach làitheil.

Bidh thu a’ cur taic ri carthannas coimhearsnachd beag gus seirbheis cùraim-chloinne urrasach a thoirt seachad agus gus cothrom a thoirt do chloinn Gàidhlig a chluinntinn is a chleachdadh. Bheir ar bòrd taic seachad le ionmhas, riaghladh agus trusadh, agus bidh uallach iomlan ortsa airson stiùireadh is càileachd na seirbheis. 

Ur dleastanasan

A’ stiùireadh chùisean a thaobh dìon air math na cloinne agus dearbhachd càileachd; a’ stiùireadh is a’ toirt leasachadh air an sgioba; a’ cumail is ag ùrachadh phoileasaidhean is chlàran; co-chonaltradh ri teaghlaichean is riaghladairean; agus a’ toirt aithrisean soilleir dhan bhòrd. Ag obair leis a’ phrìomh obraiche-chluiche air cùisean luchd-obrach, a bhith a’ gleidheadh àiteachan do chloinn agus prìomhachasan leasachaidh.

Ur comasan is eòlas

Eòlas air sàr-sheirbheisean cùraim-chloinne agus a bhith a’ stiùireadh dhaoine eile; comasach air co-dhùnaidhean matha a dhèanamh a thaobh dìon chloinne; comasach air conaltradh soilleir a dhèanamh; agus na teisteanasan is fianais-chlàraidh a tha freagarrach airson a bhith a’ stiùireadh seirbheis cùraim-chloinne làitheil. Dh’fhaodadh gun aontaichear gun toir thu a-mach cuid a theisteanasan, fhad ’s a tha thu ag obair, ma tha na buidhnean buntainneach riaraichte le sin.

Bhiodh e na bhuannachd nam biodh Gàidhlig agad, ach chan eil e riatanach. Tha e riatanach gum bi thu dealasach mu chùram-chloinne Gàidhlig agus deònach na sgilean agad sa chànan a leasachadh. Gheibh thu taic le ionnsachadh. 

A bheil ùidh agad san obair? Cuir an CV agad agus litir ghoirid gu fasmor.smo@uhi.ac.uk, leis an tiotal “Manaidsear airson Ionad Cùraim-chloinne”.  

Airson bruidhinn mu chùisean gu neo-fhoirmeil cuir fòn air 07500 577508.

OIFIGEAR CÀRAIDH

Tuarastal: £26,890 – £31,671

Uairean: 35 uairean a thìde san t-seachdain

A bheil thu practaigeach, rianail agus moiteil nuair a thèid obair mhath a dhèanamh?

Tha sinn a’ sireadh Oifigear Càraidh a bhios ag obair còmhla ri Sgioba na h-Oighreachd gus ar toglaichean, fearann agus goireasan a ghleidheadh is a chumail ann an deagh staid. Nì thu obair chudromach ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ar n-àrainn sàbhailte, aoigheil agus sgiobalta do dh’oileanaich, luchd-obrach agus luchd-tadhail.

’S iomadh dleastanas practaigeach a bhios agad san dreuchd seo: bidh thu ri obair ghleidhidh chunbhalach, ri obair ghleidhidh is chàraidh gus dèiligeadh ri diofar rudan a dh’èireas, agus bidh thu a’ gleidheadh is a’ sgioblachadh fearann na colaiste, a’ toirt taic seachad a thaobh slàinte is sàbhailteachd, a’ cur sheòmraichean air dòigh airson tachartasan agus ag obair còmhla ri cunnradairean agus co-obraichean air feadh na buidhne.

Na Comasan agad

Bidh na leanas fìor mu do dheidhinn-sa:

  • Eòlas air obair ghleidhidh airson toglaichean, fearann no goireasan.
  • Sgilean gleidhidh is càraidh practaigeach.
  • Deagh sgilean eagrachaidh is conaltraidh.
  • Cead-dràibhidh iomlan.

Ma tha thu a’ sireadh dreuchd phractaigeach far am faic thu an diofar a nì an obair agad gach latha, b’ fhìor thoil leinn cluinntinn bhuat.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuir post-d gu

Gus cur a-staigh airson na dreuchd, faodaidh tu foirm-iarrtais a chur gu:

Tuairisgeul Obrach (PDF)
Foirm Iarrtais  (PDF)
Foirm Iarrtais (Doc)
Foirm Co-ionannachd (Doc)

DÈ THA DOL SAN SGÌRE?

CÙRSAICHEAN CÀNAIN

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578