Skip to content

BA Cànan is Cultar na Gàidhlig

DUAIS: Cùrsaichean air Astar
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA:
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: Sgioba Chùrsaichean air Astar
CUIR FIOS: BA Cànan is Cultar na Gàidhlig ( )

MÌNEACHADH

Tha am BA air astar stèidhichte aig SCQF 9, agus tha e an aon rud ri Ìre 3 den cheum BA air taobh a-staigh na Colaiste.  Gu h-àbhaisteach, tha am BA air astar ga dhèanamh pàirt-ùine.

Air a’ chùrsa seo bidh thu a’ sgrùdadh Gaidhealtachd an latha an-diugh ‘s an latha an-dè agus a’ toirt a-mach sàr chomas ann an Gàidhlig. Bidh thu a’ rannsachadh litreachas agus cultar dualchasach na Gàidhlig, cho math ri freumhan a’ chànain agus gheibh sibh cothrom Gàidhlig na h-Èireann ionnsachadh.

 

SUSBAINT

Tha 6 modalan aig ìre 3, air an dèanamh suas le modalan riatanach (a bhios a’ ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta.

Feumaidh oileanach Modal Roghainneil a dhèanamh, .i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a’ Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad ‘s a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Is ann sa Bheurla, mar as trice, a thèid modalan a lìbhrigeadh bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama.) Faodaidh am modal seo a bhith aig Ìre SCQF 8, SCQF 9 no SCQF 10.

Gus am BA a thoirt a-mach, bidh oileanaich a’ dèanamh dà mhodal Riatanach na Sgeama, trì modalan bho phrògram Cànan is Cultar , is aon mhodal Roghainneil.

                                                    

Ìre 3 (SCQF 9)

Modalan

Àireamh mhodalan ri dhèanamh

 
  • Gàidhlig 3
  • Sgilean Rannsachaidh

2

Modalan Cànan is Cultar na Gàidhlig

  • Eachdraidh is Leasachadh a’ Chànain
  • Dualchas Gàidhlig
  • Rosg Gàidhlig
  • Bàrdachd 1600-1900
  • Sgrìobhadh Cruthachail
  • Na Dualchainntean Gàidhlig

3

Modal Roghainneil

  • Feallsanachd Eòrpach
  • Modal air astar eile bho SCQF ìre 8, 9,10

1

Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich air acfhainn coimpiutair a fhreagras feumalachdan nam modalan fa leth.

Am bitheantas, bidh seo a’ toirt a-steach na leanas: coimpiutair agus ceangal ris an Eadar-lìon; sealladair lìn (a leithid Firefox no Internet Explorer); agus prògram puist-dealain’“ ‘s e Microsoft Office 365 am prògram a chleachdas luchd-teagaisg gus conaltradh ri oileanaich. Feumaidh cothrom a bhith aig oileanaich cuideachd air fòn airson chlasaichean oide fòn. Cha bu chòir fon-làimh no Skype a chleachdadh, oir bidh iad ag adhbhrachadh trioblaidean fuaim sa chlas.

Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Brightspace (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). An dèidh clàradh, gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Brightspace.

Mar as trice, bidh 2 chlas oide fòn gach seachdain mu choinneimh gach modail’“ uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean oide, de mheasaidhean agus de stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

 

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 2 (SCQF 8) de Sgeama na Gàidhlig is Chuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 2 gu Ìre 3:

a. Feumaidh oileanaich air an Dioplòma 50% aig a’ char as lugha fhaighinn ann an Gàidhlig 2 agus 40% aig a’ char as lugha fhaighinn anns na modalan eile a rinneadh aig SCQF ìre 8.

b. Gheibh oileanaich eile a-steach le cead bho Roinn an Fhoghlaim, ma thèid a cho-dhùnadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 3 a choileanadh agus slatan-tomhais am BA a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a’ Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

 

A’ cur a-steach iarrtas

Ma shoirbeachas le oileanaich BA fhaighinn, bidh cothrom aca BA  (le Urram) Cànan is Cultar na Gàidhlig air astar no aig a’ Cholaiste a dhèanamh.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578