
BA (le Urram) Gàidhlig
DUAIS: Ceum (le Urram)DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Air Astar,Làn-ùine,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 3 Bliadhna airson BA, 4 Bliadhna airson BA le Urram
CÒD: Q531
NEACH-STIÙIRIDH: Mark Wringe
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
MÌNEACHADH
Tha am BA (le Urram) Gàidhlig a’ toirt cothrom dhan oileanach eòlas ceasnachail a chur air litreachas, cainnt agus feallsanachd nan Gàidheal, le coimeasgadh den eachdraidh agus de chuspairean is de chùraman ùr-nodha a bhios a’ bualadh air saoghal nan Gàidheal. Tha cothroman ann cuideachd tarraing air cuspairean co-cheangailte anns na ceumannan eile san Sgeama. Tha na h-ealainean, litreachas sean is ùr, còraichean cànain, beul-aithris agus an dàimh ri cànanan eile (leithid Gàidhlig na h-Èireann) uile air a’ chlàr-ionnsachaidh.
SUSBAINT
Air a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig, bidh thu a’ sgrùdadh Gàidhealtachd an latha an-diugh is an latha an-dè agus a’ ruighinn sàr ìre comais ann an Gàidhlig. Anns a’ cheathramh bhliadhna, bidh cothrom agad siubhal gu oilthigh ann an Canada no an Èirinn, a bheir sealladh dhut air farsaingeachd saoghal nan Gàidheal. Bidh na sgilean a thogas tu air a’ chùrsa seo a’ toirt fìor chothrom dhut air na cothroman obrach a bhios a’ nochdadh sa Ghàidhlig anns an latha an-diugh.
BLIADHNA 1 – SCQF Ìre 7
Airson roghainnean aig Ìre SCQF 7, faic An Cùrsa Comais, An Cùrsa Adhartais agus Gàidhlig agus Conaltradh.
BLIADHNA 2 – SCQF Ìre 8
Modalan riatanach
- Gàidhlig 2
- Cànan, Cultar agus Cinnidheachd
Modalan roghainneil
- Beul-aithris
- An Sgeulachd Ghoirid
- Ainm-eòlas na h-Alba
- Bàrdachd bho 1900
BLIADHNA 3 – SCQF Ìre 9
Modalan riatanach
- Gàidhlig 3
- Sgilean Rannsachaidh
- A’ Leasachadh Choimhearsnachdan Gàidhlig: Sgillean Pragtaigeach
- Poileasaidh & Planadh Cànain
Modalan roghainneil
- Dualchas Gàidhlig
- Bàrdachd 1600 – 1900
- Rosg Gàidhlig
- Eachdraidh a’ Chànain Sgrìobhte
BLIADHNA 4 – SCQF Ìre 10
Modalan riatanach
- Tràchdas Ceuma
Modalan roghainneil
- Tuigse nan Ceilteach
- Na Dualchainntean Gàidhlig
- Sgilean Eadar-theangachaidh
- Sgrùdadh Spèisealta
- Coimhearsnachdan Soirbheachail Seasmhach
- Poileasaidh Cànain san Àite-obrach
SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH
- Foghlam
- Rianachd phoblach
- Leasachadh eaconomaigeach agus cultarach
- Ionnsachadh aig ìre for-cheum agus cothroman rannsachaidh
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
- 3 teisteanasan SQA Àrd-ìre aig BBC no nas fheàrr, a’ gabhail a-steach Gàidhlig do dh’fhileantaich no luchd-ionnsachaidh aig Àrd-ìre B no nas fheàrr; no
- dh’fhaodadh teisteanasan eile a bhith air am meas freagarrach le Stiùiriche a’ Phrògraim.
Bidh agallamh agad airson dearbhadh dè an cùrsa a bu fhreagarraiche dhut air a’ chiad bhliadhna, a rèir nan comasan labhairt agad. Feumaidh oileanaich aig nach eil teisteanas SQA sa Ghàidhlig dearbhadh gu bheil comas aca sa chànan. Faodaidh tagraichean aig nach eil mòran Gàidhlig An Cùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mòr Ostaig a dhèanamh. Seo cùrsa foghlaim air astar a tha ag amas air oileanaich ullachadh airson faighinn a-steach gu ìre a h-aon de na prògraman ceuma. Tha Greis Gnìomhachais na modal riatanach air a’ chùrsa seo agus bhiodh teisteanas PVG a dhìth nan robh an t-oileanach ga dèanamh ann an sgoil no ionad cùraim-chloinne.
A’ cur a-steach iarrtas
Feumar tagradh a dhèanamh tro Sheirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean (UCAS). Is e seo am prìomh sheirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh agus colaiste foghlaim àrd-ìre san RA.
COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2024/25
* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.
Fo-cheum, oileanaich làn-ùine
Cìs gach bliadhna airson cùrsa 120 creideas
Fo-cheum, oileanaich phàirt-ùine, air an làraich, cìs gach modail
Modalan 40 creideas a’ cosg 2x mhodal 20 creideas
Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)