Skip to content

DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

DUAIS: Dioplòma Foghlam Àrd-ìre
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA:
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: An t-Oll. Meg Bateman
CUIR FIOS: Eilidh Ghrannd ( )

MÌNEACHADH

Tha an DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte aig SCQF 8 agus a’ freagradh do dh’Ìre 2 den cheum BA air taobh a-staigh na Colaiste. ‘S urrainn do dh’oileanaich modalan bho phrògram a’ cheum ‘Cànan is Cultar na Gàidhlig’ no ‘Gàidhlig is Leasachadh’.

SUSBAINT

Tha sia modalan ri dhèanamh anns an dàrna bliadhna air an dèanamh suas le modalan riatanach (Riatasan an Sgeama, a bhios a’ ruith aig gach ìre tro gach prògram an cumantas) agus modalan spèisealta. Bidh fear de na sia modalan na Mhodal Roghainneil i.e. modal a thèid a thaghadh aon chuid bhon cheum a tha ga dhèanamh, bho cheum eile san Sgeama no, le cead Stiùiriche a’ Phrògraim, bho cheum eile aig OGE, cho fad ‘s a bhios am modal ri fhaighinn ann an cruth astair. (Thoir an aire gun tèid modalan bho cheumannan bho thaobh a-muigh na Sgeama a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla.) Gus an DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte a thoirt a-mach, bidh oileanaich a’ taghadh dà mhodal bho Bhoillsgean an Sgeama, trì modalan bho aon chuid Cànan is Cultar no Gàidhlig is Leasachadh agus aon mhodal Roghainneil. Tha goireasan ionnsachaidh airson mhodalan a thèid a theagasg air astar air an cur ri chèile agus rim faighinn air Brightspace (an àrainn foghlaim mas-fhìor aig OGE). Gheibh oileanaich cead agus cothrom air an stuth air Brightspace an dèidh dhaibh clàradh. Mar as trice, bidh dà chlas air-loidhne ann gach seachdain mu choinneimh gach modail ‘s uairean rin dearbhadh. Gheibh oileanaich liosta de chlasaichean, mheasaidhean agus stuthan ionnsachaidh aig toiseach gach semeastair.

Riatasan an Sgeama Riatasan Prògraim Modal Roghainneil
  • Gàidhlig 2
  • Cànan, Cultar agus Cinnidheachd
3 modalan à: Gàidhlig is Leasachadh NO Cànan is Cultar
  • Sloinntearachd
  • Deamocrasaidh ann an Alba
  • Foghlam Gàidhlig ann an Alba

no modal air astar eile aig SCQF 7,8 no 9

  Dà mhodal  Trì modalan Aon mhodal

Modalan nam Prògraman

Gàidhlig is Leasachadh Cànan is Cultar
  • Eachdraidh Shòisealta air Ghàidhealtachd
  • Leasachadh air a’ Ghàidhealtachd agus Roinn Iomallach
  • A’ Ghàidhlig An-dè is An-diugh
  • Saoghal na Gàidhlig 2
  • Beul-aithris Ghàidhlig
  • An Sgeulachd Ghoirid
  • Bàrdachd bho 1900
  • Sgoilearachd is Eilthireachd nan Gàidheal
  • Ainm-eòlas na h-Alba

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Ma shoirbhicheas le oileanaich aig Ìre 1 (SCQF 7) den sgeama Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte, bidh aca ri tighinn suas ris na feumalachdan adhartais mus tèid iad bho Ìre 1 gu Ìre 2:

a. Feumaidh oileanaich air a’ Chùrsa Adhartais 50% aig a’ char as lugha fhaighinn sna modalan cànain CA5-CA6
b. Feumaidh oileanaich air a’ Chùrsa Chomais 50% aig a’ char as lugha fhaighinn sna modalan cànain ‘Comas Conaltraidh B’ agus ‘Cànan Foirmeil is Dreuchdail’
c. Feumaidh oileanaich air Gàidhlig agus Conaltradh 50% aig a’ char as lugha fhaighinn sna modalan cànain Gàidhlig is Conaltradh: ‘Còmhradh’ agus ‘Gàidhlig is Conaltradh: Sgrìobhadh’
d. Gheibh tagraichean airidh eile a-steach air roghainn an ionaid, ma thèid am breithneachadh gu bheil iad comasach air amasan Ìre 2 a choileanadh agus slatan-tomhais an DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte a ruigsinn, agus cuideachd gu bheil iad comasach air a’ Ghàidhlig a chur an cleachdadh aig an ìre inntrigidh cheart.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578