Skip to content
david-banner

David Lemm

Bha obair Lemm bonntaichte air an sgìre mu thimcheall na Colaiste agus na Cille Bige, far a bheilear a’ dealbhadh a’ chiad bhaile ùir san Eilean Sgitheanach fad 100 bliadhna.

Bha a chuid obrach a’ tarraing air a’ chothrom air leth airson fearann a sgrùdadh a tha an impis a dhol na àite tuineachaidh. Fhreagair David ris an ùine atharrachaidh seo, a tha mar fhaileas eadar fathann agus an fhìrinn, le bhith a’ meòrachadh air an àm a chaidh seachad, air a’ chruth-tìre mar a tha e an-dràsta agus air draghan mun àrainneachd, fhad ‘s a chluich e le sùil ealanta agus ìomhaighean de na dh’fhaodadh a bhith ann sna linntean ri teachd.

Tha na dh’ionnsaich e, tro a chiad cheuman sa Ghàidhlig agus rannsachadh san stiùidio, air cur ri trì sreathan fa leth de dh’obair-ealain anns a bheil dealbhan tarraingte, collage agus clò-sgrìon a’ nochdadh.

Eadar an t-seachdain a chuir e seachad air cùrsa goirid Gàidhlig as t-samhradh agus na tachartasan poblach san stiùideo is bùithtean-obrach le clann na bun-sgoile, tha David air cur gu mòr ris a’ choimhearsnachd seo aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bha an taisbeanadh ‘Passing Place’ ri fhaicinn eadar 20 An Gearran agus 20 An Giblean agus bha cuirm-fhosglaidh ann Diluain 19 Gearran ann an Àrainn Chaluim Cille, Sabhal Mòr Ostaig.

Tha Lemm stèidhichte ann an Dùn Èideann agus tha a dhòigh-obrach measgaichte a’ toirt a-steach iomadh stoidhle is pròiseas a leithid obair clò-sgrìon, meadhanan measgaichte agus ìomhaighean gluasadach. Rugadh e ann an Cathair Chaladain agus rinn e ceum aig Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone, Dùn Dè. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh seòrsa pròiseict tro ghreisean còmhnaidh, prògraman foghlaim agus coimiseanan, agus o chionn beagan bhliadhnaichean chùm e taisbeanaidhean aig Edinburgh Printmakers (Debris and Phenomena, 2015) agus House of Illustration, Dùn Èideann (Mapping King’s Cross, 2016).

 

Picture of a gallery wall
david-lemm-exhibition-detail-2
david-lemm-studio-wall-1
Picture of artwork on wall

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578