Skip to content

DÈ THA DOL SAN SGÌRE?

Tha an duilleag seo ag amas air daoine a tha a’ fuireach san Eilean Sgitheanach no faisg air làimh is anns a bheil ùidh ann an clasaichean Gàidhlig air neo tachartasan coimhearsnachd aig Sabhal Mòr Ostaig no anns an sgìre.

Faic gu h-ìosal na tha dol!

CABADAICH SA CHOIMHEARSNACHD LE IAIN URCHARDAN

Cothrom cabadaich sa Ghàidhlig ann am Port Rìgh le Iain Urchardan. Bheir e thugainn fuaimneachadh furasta, briathrachas beairteach, is cothroman còmhraidh. Tha na clasaichean seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh aig ìre eadar-mheadhanach/adhartach agus fileantaich.

21/10/25 – 16/12/25
An Eaglais Shaor, Shepherd’s Way, Port Rìgh
19:00 – 20:00 gach Dimàirt airson 8 seachdainean
Cosgais: £68
£34 dha pàrantan/seann-phàrantan chloinne ann am FtMG

 

srubag-website

SRÙBAG: COTHROMAN CÒMHRAIDH

Thig còmhla rinn airson chothroman còmhraidh neo-fhoirmeil tro mheadhan na Gàidhlig, is fàilte chridheil ron a h-uile duine!

Ma tha thu aig toiseach do shlighe ionnsachaidh is airson barrachd misneachd a thogail ann a bhith a’ bruidhinn anns a’ Ghàidhlig, no ma tha thu fileanta agus a’ sireadh barrachd chothroman do chuid Gàidhlig a chleachdadh, bidh fàilte bhlàth romhaibh uile.

Cuideachd bidh srùbag is pìos cèic ri fhaighinn an-asgaidh, ‘s mar sin nach tig sibh ann!

Le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig.

Gach Diluain bhon 08 Sultain 2025

18:00 – 19:00: Luchd-tòiseachaidh gu Eadar-mheadhanach
19:00 – 20:00: Eadar-mheadhanach gu Fileanta

Cafaidh IIN, Sabhal Mòr Ostaig 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578