DÌON DÀTA
Tha solar an cois Achd Dìon Dàta 2018 airson lìbhrigeadh dàta pearsanta a riaghladh. ’S e lagh na Rìoghachd Aonaichte a th’ anns an Achd a tha a’ cur an sàs Riaghladh Dìon Dàta Coitcheann / General Data Protection Regulation (GDPR) agus a’ toirt seachad solar a bharrachd airson lìbhrigeadh dàta air adhbharan rannsachadh lagha.
Tha còir air adhbharan foghlaim is gnìomhachais aig Sabhal Mòr Ostaig airson cuid a dhàta pearsanta a chumail air daoine beò airson a chuid dhleastanasan a choileanadh mar ionad Fòghlam Àrd-ìre agus airson a chuid dhleastanasan a choileanadh do bhuidhnean maoineachaidh is an riaghaltas. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ tuigsinn gu bheil cleachdadh ceart is dligheach de dhàta pearsanta a’ gleidheadh earbsa san ionad. Tha an t-ionad dealasach mu bhith a’ cleachdadh, a’ tasgadh is a’ dubhadh às dàta pearsanta ann an dòigh thèarainte is iomchaidh.
Tha Sabhal Mòr Ostaig an geall air poileasaidh dìon chòraichean is saorsa dhaoine a thaobh lìbhrigeadh an cuid dàta pearsanta. Air an adhbhar seo, tha Sabhal Mòr Ostaig air dòighean-obrach Tèarainteachd Fiosrachaidh is Dìon Dàta a chur an sàs.
Ma tha ceist sam bith agad mu dheidhinn dìon dàta aig Sabhal Mòr Ostaig, cuir fios dhan Rianaire Dìon Dàta aig .