Seiminear-rannsachaidh: An Dr Geraldine Parsons, Oilthigh Ghlaschu
Tàladh, fonn-cadail, no òran dithis leannan? Gráinne, Diarmaid agus an duan “Cotail becán becán bec”
Diciadain 17 Giblean 2024 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne
San t-seiminear seo bithear a’ coimhead air cuid de na dùbhlain a gheibhear ann a bhith a’ tuigsinn an duain Fhèinne, ‘Cotail becán becán bec’, agus an tiotal sin a’ tighinn bho chiad loidhne an duain. Tha an duan seo air aon de na pìosan fianaise as tràithe a th’ againn air sgeulachd mhuladach Dhiarmaid is Gráinne, agus tha cuid a dhaoine air fhaicinn mar òran a sheinn Gráinne gus Diarmaid a chur na chadal agus cuid eile mar chòmhradh eatarra. Ciamar a bu chòir dhuinn a thuigsinn? Agus le bhith a’ comharrachadh cò tha a’ labhairt san dàn seo, dè a’ bhuaidh a bheir sin air an obair mhòr a tha romhainn ann a bhith a’ tuigsinn nan sgeulachdan is nan dàn bho na meadhan-aoisean a tha a-mach air Fionn mac Cumhaill agus an Fhèinne? Leis an t-seiminear seo bithear a’ beachdachadh air mar a tha guthan bhoireannach air an riochdachadh agus dàimhean gnè ann an dualchas far an robhar a’ cur prìomhachas air fir, agus bithear a’ faighneachd ciamar a dh’fhaodadh dàn bhon aonamh linn deug, leithid ‘Cotail becán’, a bhith a’ buntainn ri ‘bàrdachd bhoireannach’ ann an linntean nas ùire de dhualchas nan Gàidheal.
