Skip to content

Edwin Pickstone, Sgoil Ealain Ghlaschu

Typographica Scoto-Gadelica: Dearbh-aithne Lèirsinneach Clò-sgrìobhaidh na Gàidhlig tro Chultar Clò-bhualaidh is Leabhraichean

Diciadain 03 Dùbhlachd 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

Tha dearbh-aithne lèirsinneach cànain na phrìomh fheart ann an dearbh-aithne chultarail agus dualchas nàiseanta. Bho na siostaman sgrìobhaidh dealbhaichte Cirilleach agus Hangeul anns an Ruis agus Coiria a Deas gu guillemots na Frainge agus “s fada” na Gearmailt, bidh cleachdadh charactaran sònraichte, comharran-litreach, gnàthasan agus an caochladh roinneil de dhualchas clò-sgrìobhaidh lèirsinneach a tha a’ fàs mu chuairt cànain sgrìobhte gad chuideachadh le bhith gad shuidheachadh ann an dùthaich no sgìre shònraichte. Bruidhnidh an òraid seo mu phròiseact ùr air a stiùireadh le luchd-obrach The Caseroom, cruinneachadh de dh’uidheamachd clò-bhualaidh traidiseanta Sgoil Ealain Ghlaschu. Bidh am pròiseact a’ sgrùdadh dearbh-aithne lèirsinneach co-aimsireil na Gàidhlig agus mar a dh’fhaodadh dualchas lèirsinneach beairteach, ach gu ìre mhòr neo-aithnichte, a’ chànain a bhith air a neartachadh tro ath-saothrachadh uidheamachd clò-bhualaidh traidiseanta agus air a chleachdadh gus taic a thoirt do leasachadh dhealbhan sònraichte airson an ama ri teachd.

Tha Edwin Pickstone a’ fuireach agus ag obair ann an Glaschu. Le fòcas air nàdar stuthach clò-bhualaidh, bidh Pickstone a’ cleachdadh teicneòlas clò-bhualaidh litrichean, ag obair le luchd-ealain agus dealbhadairean air iomadh sheòrsa phròiseactan. Tha an obair aige a’ sgaoileadh thar saoghalan acadaimigeach, ealanta agus dealbhaidh, le ùidh shònraichte ann an eachdraidh clò-sgrìobhaidh, dealbhadh grafaigeach agus nàdar an leabhair. Tha e an-dràsta na Òraidiche, Neach-rannsachaidh agus Teicneòlaiche Clò-sgrìobhaidh aig Sgoil Ealain Ghlaschu, far a bheil e air a bhith a’ coimhead às dèidh cruinneachadh uidheamachd clò-bhualaidh litrichean na sgoile bho 2005. Tha e air bruidhinn agus air taisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta.

Clàraich airson seiminear Edwin Pickstone

Edwin Pickstone

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578