Latha nan Lèintean-T Gàidhlig 2026
Tha Latha nan Lèintean-T Gàidhlig a’ tilleadh am-bliadhna mar phàirt de thachartasan Seachdain na Gàidhlig! Cuir ort lèine-T no geansaidh le Gàidhlig sgrìobhte air Diciadain, 25 Gearran, agus brosnaich daoine eile gus pàirt a ghabhail san latha cuideachd.
Tha ar caraidean aig Sona Design a’ tabhann lùghdachach prìse 20% air na lèintean-T aca eadar 01/02/26 – 25/02/26 leis an còd TARBH26 https://www.sona.scot/
Gheibh thu cuideachd 20% far lèintean-t agus geansaidhean Gàidhlig ann am Bùth Shabhal Mòr Ostaig! Air neo nach dèan thu lèine-T dhut fhèin?
Cuimhnich is cleachd na tagaichean #LnLTGàidhlig, @SabhalMòrOstaig, @hellosonadesign agus #SeachdainNaGàidhlig air na dealbhan agad gus am faic sinn iad!

