Skip to content
A' teagasg air loidhne

Seiseanan ‘A bheil cuimhne agad?’ – Gràmar agus Còmhradh

Fàilte dha na seiseanan ùra seo, a chàirdean! Bidh sinn a’ bruidhinn air-loidhne a h-uile seachdain: bidh thu aig Seisean A08:30–09:15 madainn Diciadain no aig Seisean B, 12.30-13.15 feasgar Diardaoin.

Bidh beagan gràmair ann an toiseach (à ACI Aonadan 1-12), (mu 20 mion) agus, an uair sin, bidh thu a’ bruidhinn ri oileanaich eile ann am buidhnean beaga (coltach ri “Sibh fhèin a-nis!”), agus bidh an t-oide a’ dol eadar na buidhnean sin cuideachd.

Chan e cùrsa slàn a th’ ann idir — bidh thu dìreach a’ ceannach tiogaid a h-uile seachdain a bhios tu ann, airson gach seisean a bhios thu ag iarraidh (A no B).

Gheibh thu fiosrachadh Zoom agus pdf ann am post-d nuair a cheannaicheas tu tiogaid.

Tha clàr-ama a’ chùrsa ri fhaicinn gu h-ìosal, leis na cuspairean gràmair a bhios againn gach seachdain

Clàr-ama Seiseanan ABC 2026

Air sgàth saor-làithean na Càisge, bidh an ath seisean air Diciadain 22 & Diardaoin 23 Giblean.

Bidh e glè mhath a bhith gur faicinn an sin!

Sìleas & Friseal

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Seisean A, 08:30–09:15 madainn Diciadain
£8.50
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: Unlimited
Chan eil gin de na tiogaidean "Seisean A, 08:30–09:15 madainn Diciadain" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Seisean B, 12.30-13.15 feasgar Diardaoin
£8.50
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: Unlimited
Chan eil gin de na tiogaidean "Seisean B, 12.30-13.15 feasgar Diardaoin" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

Òraidiche

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578