Seiseanan ‘A bheil cuimhne agad?’ – Gràmar agus Còmhradh
Fàilte dha na seiseanan ùra seo, a chàirdean! Bidh sinn a’ bruidhinn air-loidhne a h-uile seachdain bho 12:30–13:15 feasgar Diciadain.
Bidh beagan gràmair ann an toiseach (à ACI Aonadan 1-12), (mu 20 mion) agus, an uair sin, bidh thu a’ bruidhinn ri oileanaich eile ann am buidhnean beaga (coltach ri “Sibh fhèin a-nis!”), agus bidh an t-oide a’ dol eadar na buidhnean sin cuideachd.
Tha 18 seiseanan ann uile gu lèir. Leis nach e cùrsa slàn a tha seo idir, chan fheum thu pàigheadh ach airson nan seiseanan a bhios tu ag iarraidh.
- Roghainn 1: Ceannaich 1 tiocaid gach seachdain airson an ath-sheisean a bhios ann – £8.50
- Roghainn 2: Ceannaich bloc de 6 seiseanan (=6 tiocaidean) aig gach àm – £51
- Roghainn 3: Ceannaich na seiseanan air fad: £144.50 (17 tiocaidean =18 seiseanan, bidh an seisean mu dheireadh an asgaidh dhut an uair sin!)
Gheibh thu fiosrachadh Zoom agus pdf ann am post-d nuair a cheannaicheas tu tiogaid.
Airson daoine a tha a’ taghadh Roghainn 2 neo Roghainn 3, cuiridh sinn post-d fa-leth thugaibh le ceangal gu na faidhlaichean a tha sibh air ceannachd.
Tha clàr-ama a’ chùrsa ri fhaicinn gu h-ìosal, leis na cuspairean gràmair a bhios againn gach seachdain
Bidh e glè mhath a bhith gur faicinn an sin!
Sìleas & Friseal
Òraidiche
-
Sìleas NicLeòid

