Gàidhlig Ìre 1 – Air-loidhne: 24 an Dàmhair 2024
Gàidhlig Ìre 1 – Air-loidhne
** THA AN CÙRSA SEO A-NIS LÀN. MA THA THU AIRSON D’ AINM A CHUR RIS AN LIOSTA FEITHEIMH AGAINN CUIR POST-D GU
Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach oidhche Ardaoin eadar 19:00 agus 20:30 (ochd seachdainean).
Bidh an cùrsa seo freagarrach do fhìor luchd-tòiseachaidh gun Ghàidhlig sam bith – m.e. daoine aig NACH EIL eòlas ionnsachaidh a-cheana, leithid Duolingo no clasaichean ionadail*. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:
- àireamhan ann an structaran eadar-dhealaichte;
- mar a bhios tu a’ bruidhinn ri daoine, agus a’ faighinn a-mach cò às a tha iad;
- mar a bhios tu ag innse is a’ faighneachd mu rudan a tha daoine a’ dèanamh, a leithid am beatha fhèin, obair no cur-seachadan;
- agus mar a bhios tu a’ bruidhinn air sealbh.
Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas air gràmar bunaiteach, cothroman sgilean labhairt a chleachdadh is cothrom dòighean ùra cànain is briathrachas ùr ionnsachadh.
*Ma tha eòlas ionnsachaidh Gàidhlig agad mar-thà, math dh’fhaodte gum biodh ìre nas àirde na bu fhreagarraiche dhut.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu shusbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
An Cùrsa Inntrigidh: Earrann 1 (Aonad 1–3)
SCQF 3 – SQA Ìre Choitcheann Bunaiteach Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh)
Far as urrainnear, cha bhi ach ochdnar sa chlas seach 12 mar as àbhaist.