Skip to content
Picture of people boarding a small boat

A’ Ghàidhlig ann an Alba

Sgap a’ Ghàidhlig a-mach à Earra-Ghàidheal anns a’ chiad mhìle bliadhna an dèidh Chrìosta nuair a leudaich rìoghachd nan Gàidheal air feadh na dùthcha. Ràinig a’ Ghàidhlig àirde a neirt mu 1100 AD, nuair a bhathar ga bruidhinn eadar Gallaibh mu thuath is Anainn mu dheas agus eadar Fìobha mun ear is na h-Eileanan mun iar. B’ i a’ Ghàidhlig cànan rìghrean na h-Alba gus an do phòs Maol-Chaluim Ceann Mòr a bhean aig nach robh a’ Ghàidhlig. Bhon àm sin thòisich cumhachd na Gàidhlig am measg uaislean na Galltachd a’ crìonadh. Bhathar fhathast a’ bruidhinn na Gàidhlig ann an Carraig is Gall-ghàidheil anns an 17mh linn, ach b’ ann air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a bu treasa i.

Ri linn Rìoghachd nan Eilean thàinig ùrachadh is leudachadh air cultar is sgoilearachd na Gàidhlig. Bha a’ Ghàidhlig Chlasaigeach ga cleachdadh ann am bàrdachd le Clann MhicMhuirich ann an Uibhist suas chun na 18mh linn. Thàinig ùrachadh eile ann am bàrdachd na Gàidhlig aig an aon àm ri linn bhàrd mar Uilleam Ros, Mac Mhaighstir Alasdair is Donnchadh Bàn, ach bha cuibhle an fhortain a’ cur nan caran.

Anns an 17mh linn, thàinig sreath de laghannan a-mach à Parlamaid Dhùn Èideann an aghaidh na Gàidhlig; às dèidh Blàr Chùil Lodair chaidh laghannan eile a chur an sàs an aghaidh cànan is cultar nan Gàidheal; cha do leig buidhnean mar an SSPCK a’ Ghàidhlig a-steach dha na sgoiltean aca gu deireadh na 18mh linn; agus chuir Achd an Fhoghlaim 1872 crìoch air a’ chànan ann an siostam an fhoghlaim. Thòisich na Fuadaichean aig deireadh na 18mh linn agus chùm iad orra fad ceud bliadhna. Bha mòran a’ creidsinn nach fhaigheadh iad cothrom na Fèinne air a’ Ghàidhealtachd agus thog iad orra a Chanada no dha na bailtean mòra air a’ Ghalltachd.

A dh’aindheoin gach anaceartais a rinneadh air luchd na Gàidhlig, ged-thà, cha b’ e am bàs a bha an dàn don chànan. Thàinig ath-bheothachadh air cultar na Gàidhlig anns an 19mh linn ann am bàrdachd, rosg is ceòl, agus lean an t-ath-bheothachadh sin suas chun an latha an-diugh. Eadar an dà Chogadh Mhòr bha a’ Ghàidhlig ri cluinntinn air an rèidio ‘s air a teagasg ann an sgoiltean. Thàinig bàird mar Shomhairle MacGill-Eain, Ruaraidh MacThòmais, Iain Mac a’ Ghobhainn is Deòrsa Mac Iain Dheòrsa gu ìre às dèidh an Dàrna Cogaidh. Tha barrachd nobhailean gam foillseachadh san latha an-diugh na bha riamh roimhe. Thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig deireadh na 20mh linn agus thathar an dùil ri tuilleadh sgoiltean Gàidhlig. Gheibh daoine òga foghlam aig gach ìre bho chròileag gu oilthigh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Radio nan Gàidheal air a bhith ann bho na 1980an agus thòisich seanail telebhisein, BBC Alba, air craoladh aig toiseach na 21mh linn.

Ged a thathar a’ dèanamh gàirdeachas ri linn nan leasachaidhean dòchasach sin, chan ann buileach dòchasach a tha cor na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd, ged-thà. A rèir Cunntas-sluaigh 2001, bha nas lugha na 60,000 duine ann a bha comasach air an cànan a bhruidhinn, ged a bha còrr is 92,000 comasach air a tuigsinn. Cha robh sgìre sam bith ann far an robh a’ Ghàidhlig cho làidir ‘s a bha i ceud bliadhna roimhe sin. Bha ceàrnaidhean anns na h-Eileanan Siar far an robh a’ Ghàidhlig na mion-chànan, agus cha robh ach aon sgìre air tìr-mòr, Loch Aillse, far an robh còrr is 20% de na daoine comasach air a’ Ghàidhlig a bhruidhinn.

Tha cunntas-sluaigh 2011 a’ sealltainn gu bheil an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba – 58,000 – cha mhòr air fuireach aig an aon ìre agus a bha i ann an Cunntas-sluaigh 2001. Sheall sgrùdaidhean mionaideach gu robh sin gu mòr ri linn mar a bha an àireamh de chloinn a bha a’ togail a’ chànain ann am buidhnean ro-sgoile Gàidhlig is bun-sgoiltean Gàidhlig air a dhol am meud.

Tha an ath chunntas-sluaigh gu bhith ga chumail ann an 2022.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578