Helmut Lemke
Thànaig an nuadh neach-ealain, Helmut Lemke, gu Sabhal Mòr Ostaig mar Neach-ealain air Mhuinntireas ann an 2014. Tha Helmut air consairtean, taisbeanaidhean fuaime is ealain “shuidhichte” a chur air dòigh ann am iomadh àite is làrach fa leth is sònraichte bho thòisich e ag obair sna 1970an. Tha fuaim aig cridhe obair Helmut agus bidh e ag obair còmhla ri luchd-ealain fuaime eile, luchd-ealain lèirsinne, ailtirean, bàird, arc-eòlaichean, luchd-ealain cleasachd agus maoir-dhùthcha. Bidh Helmut ag obair le fuaimean a tha cumanta, fuaimean a tha follaiseach, agus fuaimean a dh’fheumas e a lorg agus bidh na fuaimean sin agus meadhanan is obair-ealain eile gan toirt còmhla ann an iomadh dòigh sna taisbeanaidhean aige. Mar a tha e fhèin ag ràdh, tha e daonnan ag èisteachd.
Anns a’ ghreis obrach aige aig Sabhal Mòr Ostaig mar Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler, thug an neach-ealain fuaime, Helmut Lemke, sealladh seachad den obair ealain is obair leantainneach aige. Rinn Helmut taisbeanadh air teudan fada air oidhche mhath anns an robh fuaim, ceòl, bàrdachd agus taisbeanadh deuchainneach – ‘s e inneal-ciùil tha anns na teudan fada a bhios ag atharrachadh a rèir na làraich anns a bheil iad gan cluich – thòisich Helmut air an cluich o chionn 30 bliadhna. Cuide ri Helmut air an oidhche bha MacGillivray, an Neach-ealain Lèirsinneach air Mhuinntireas; Coinneach Lindsay (Sgrìobhaiche na Colaiste); am bàrd, Rody Gorman agus an neach-ciùil, Neil Caimbeul (MacBeat).
Air oidhche fhosglaidh an taisbeanaidh aig an t-Sabhal Mhòr, chuir Helmut a smuaintean is na ciad toraidhean bhon ghreis air mhuinntireas aige an cèill is sheall e dealbhan a bha a’ samhlachadh àrainneachd “fuaim” Sabhal Mòr Ostaig. Bhruidhinn e air a’ ghreis obrach aige agus ciamar a thug an t-eòlas ùr seo air cànan is cultar na Gàidhlig agus coimhearsnachd an t-Sabhail Mhòir buaidh air a’ phròiseact. Mar thachartas crìochnachaidh air a ghreis sgoilearachd, dh’fhoillsich Helmut leabhar neach-ealain stèidhichte air an obair a rinn e aig an t-Sabhal Mhòr, CÀNAN SREATHAN TUINN.

