
Helmut Lemke
Thànaig an nuadh neach-ealain, Helmut Lemke, gu Sabhal Mòr Ostaig OGE mar neach-ealain air mhuinntireas ann an 2014. Tha Helmut air consairtean, taisbeanaidhean fuaime is ealain “shuidhichte” a chur air dòigh ann am iomadh àite is làrach fa leth is sònraichte bho thòisich e ag obair sna 1970an. Tha fuaim aig cridhe obair Helmut agus bidh e ag obair còmhla ri luchd-ealain fuaime eile, luchd-ealain lèirsinne, ailtirean, bàird, arc-eòlaichean, luchd-ealain cleasachd agus maoir-dhùthcha. Bidh Helmut ag obair le fuaimean a tha cumanta, fuaimean a tha follaiseach, agus fuaimean a dh’fheumas e a lorg agus bidh na fuaimean sin agus meadhanan is obair-ealain eile gan toirt còmhla ann an iomadh dòigh sna taisbeanaidhean aige. Mar a tha e fhèin ag ràdh, tha e daonnan ag èisteachd.
Anns a’ ghreis obrach aige aig Sabhal Mòr Ostaig mar Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler, thug an neach-ealain fuaime, Helmut Lemke, sealladh seachad den obair ealain is obair leantainneach aige. Rinn Helmut taisbeanadh air teudan fada air oidhche mhath anns an robh fuaim, ceòl , bàrdachd agus taisbeanadh deuchainneach – ‘s e inneal-ciùil tha anns na teudan fada a bhios ag atharrachadh a rèir na làraich anns a bheil iad gan cluich – thòisich Helmut air an cluich o chionn 30 bliadhna. Cuide ri Helmut air an oidhche bha MacGillivray, an Neach-ealain Lèirsinneach air Mhuinntireas; Coinneach Lindsay (Sgrìobhaiche na Colaiste); am bàrd, Rody Gorman agus an neach-ciùil, Neil Caimbeul (MacBeat).
Air oidhche fhosglaidh an taisbeanaidh aig an t-Sabhal Mhòr, chuir Helmut a smuaintean is na ciad toraidhean bhon ghreis air mhuinntireas aige an cèill is sheall e dealbhan a bha a’ samhlachadh àrainneachd “fuaim” Sabhal Mòr Ostaig. Bhruidhinn e air a’ ghreis obrach aige agus ciamar a thug an t-eòlas ùr seo air cànan is cultar na Gàidhlig agus coimhearsnachd an t-Sabhail Mhòir buaidh air a’ phròiseact. Mar thachartas crìochnachaidh air a ghreis sgoilearachd, dh’fhoillsich Helmut leabhar neach-ealain stèidhichte air an obair a rinn e aig an t-Sabhal Mhòr, CÀNAN SREATHAN TUINN.




