IONNSAICH
Bidh daoine a’ tighinn thugainn às iomadh ceàrnaidh den t-saoghal airson eòlas is ionnsachadh air leth tron Ghàidhlig, eadar cùrsaichean do luchd-tòiseachaidh agus rannsachadh PhD, an dà chuid air làrach na Colaiste agus air astar, làn-ùine neo pàirt-ùine. Tha cothrom ann don a h-uile duine air an àrainn againn leis na cùrsaichean is oidean barraichte. Dè an còrr a dh’iarradh tu? Thig a chèilidh oirnn ann an Slèite far an cur thu fhèin eòlas oirnn!
Cuiridh SAAS na riaghailtean a thaobh cùrsaichean a rinneadh roimhe an dàrna taobh airson chùrsaichean bogaidh Cert HE aig Sabhal Mòr Ostaig. Faodaidh oileanaich a tha air maoineachadh fhaighinn airson ceum no teisteanas HN maoineachadh fhaighinn airson an sà chùrsa seo fhathast.
Ma nithear an cùrsa bogaidh Cert HE ro chùrsa eile (m.e. HNC no ceum), cha tèid a chunntadh mar chùrsa eile. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic: Ionnsachadh roimhe – SAAS

