
Kim Anderson
Bha an neach-ealain Astràilianach, Kim Anderson, mar Neach-ealain ùr Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, fo Sgoilearachd Jon Schueler ann an 2019.
Choisinn Kim, a bhuineas dha Ballarat, Victoria, ceum anns na h-Ealainean Finealta (le Urram) aig Oilthigh Bhallarat ann an Astràilia agus ann an 2007 choisinn i sgoilearachd airson ceum Maighstireil anns na h-Ealainean Finealta a dhèanamh aig Oilthigh Dhùn Dè ann an Alba. Tha i air greisean còmhnaidh a choileanadh bhon uair sin ann an grunn àiteachan a leithid Prògram Stiùidio Eadar-nàiseanta Chomhairle Astràilia aig Sgoil Bhreatannach na Ròimhe, ann an Echigo-Tsumari, Iapan, aig Taigh Hospitalfield ann an Obar Bhrothaig ann an Alba, agus aig DRAWinternational ann an Caylus sa Fhraing, a fhuair taic Urras Cultarail Ian Potter.
Choisinn Kim Tabhartas ArtStart le Comhairle Astràilia ann an 2010 agus tha i air pròiseactan a dhealbhadh is a ghleidheadh le taic Arts Victoria, Cathair Melbourne, agus Regional Arts Victoria. Tha Kim air taisbeanadh air feadh Astràilia is thall thairis agus tha i air àite a chosnadh anns na cuairtean-deireannach de dh’iomadh duais nàiseanta a leithid Duais Paul Guest, Duais Tarraing-dhealbhan Rick Amor agus Duais Ealain Hazelhurst. Tha na leanas am measg nam pròiseactan mòra taisbeanaidh leatha, I Am My Own Prisoner aig Colaiste Scotch Oakburn ann an Launceston, Tasmania, ann an 2013, agus The Space Between, taisbeanadh lèirsinneach/fuaime aig a’ chiad White Night Ballarat anns a’ Mhàrt 2017. Ann an 2018 bha Kim na prìomh neach-ealain aig Biennale Ealain Astràilia agus prìomh thaisbeanadh aonair aice aig Taigh-ealain Bhallarat.
A’ tòiseachadh a greis air mhuinntireas, thuirt Kim: “’S e fìor adhbhar toileachais is urraim a tha seo dhomh a bhith air Sgoilearachd Jon Schueler 2019. Tha seo a’ dearbhadh an rathaid a ghabh mi nam chuid obrach o chionn ghoirid – ga stèidheachadh air cuspairean caoidh is bròin mu atharrachadh na gnàth-shìde agus mu chron air an àrainneachd nach gabh leigheas. Tha fadachd orm a bhith a’ leasachadh obair ùr, ‘s e sin sreath ùr de dhealbhan tarraingte mòra agus àrainnean-fuaime bonntaichte air òrain is bàrdachd na Gàidhlig agus àrainneachd àlainn an Eilein Sgitheanaich. Bhon a thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig tha mi air dà Chùrsa Goirid a dhèanamh, a tha air tuigse a bharrachd a thoirt dhomh mun bheartas chultair a tha mun cuairt orm agus an cothrom a thoirt dhomh a bhith an lùib a’ chultair sin bhon fhìor thoiseach.”



