Skip to content

Matt Zurowski, Sgoil Ealain Dhùn Èideann

Caoineadh, èisteachd, agus àite ann am beul-aithris na Gàidhlig

Diciadain 12 Samhain 2025 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig

Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne. Clàraich gu h-ìosal is thèid ceangal a chur thugad air latha an t-seimineir. 

’S e obair-taisbeanaidh stèidhichte air duis na pìoba a th’ anns na ‘Waterfall Laments’, a tha a’ dèanamh ath-obrachadh air Cumha Choire an Easa, dàn nàdair sa Ghàidhlig agus a’ phìobaireachd co-cheangailte ris a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd is pìobaire bhon t-seachdamh linn deug Iain Dall MacAoidh, Am Pìobaire Dall. Tha an dàn ag eadar-theangachadh gnàthasan ruitheamach is structarail ceòl mòr gu cruth labhairteach, a’ cruthachadh fear de na h-eisimpleirean as tràithe a tha againn de bhàrdachd phìobaireachd. Air a dhealbhadh mar chòmhradh eadar bàrd is coire, tha e a’ gluasad bho chaoidh phearsanta gu bhith na smaoineachadh air atharrachaidhean sòisealta is eag-eòlach, a’ sùileachadh ri lagachadh nan dàimhean co-chèilich eadar daoine agus an saoghal mòr agus call gheallaidhean an ama ri teachd a bh’ aig na ceanglaichean sin uaireigin.

A’ tarraing air dreachan tasglainn den dàn fhèin agus den phìobaireachd co-cheangailte ris, tha The Waterfall Laments a’ beachdachadh air caochlaideachd bàrdachd sa bheul-aithris mar bhrosnachadh airson rannsachadh stèidhichte air cleachdadh. Le bhith a’ cleachdadh na pìoba-bige, guth, giotàr, teip-ruidhle, agus ionnsramaidean eileagtronaigeach, bidh an obair seo a’ sgoltadh, a’ lùbadh, agus a’ cur sgàthan ris an dàn fhèin cho math ri sgrùdadh nan diofar theicneòlasan a thathas a’ cleachdadh gus eòlas labhairteach is eag-eòlach a chumail suas – bàrdachd, ceòl, canntaireachd, agus teip. Le bhith a’ dèanamh seo, bidh a’ phìos a’ sgrùdadh chruthan eachdraidheil tro chleachdadh fuaime probhail, a’ measgachadh sgòran grafaigeach stèidhichte air canntaireachd le eileamaidean de dhos, fuaim, ocaideachadh, agus giullachd-beò.

Le bhith a’ cleachdadh The Waterfall Laments mar phrìomh rannsachadh cùise, bidh an taisbeanadh seo a’ sgrùdadh taobhan de sheanchas na Gàidhlig tro lionsa teòiridh-fuaime an latha an-diugh. Bidh mi a’ faighneachd ciamar a bhios traidiseanan bàrdachd is ciùil na Gàidhlig a th’ againn mar-thà a’ sealltainn eòlas eag-eòlach, agus ciamar a dh’fhaodadh an t-seòrsa eòlais sin a mheudachadh tro rannsachadh stèidhichte air cleachdadh. Bidh mi a’ coimhead air mar a tha cleachdaidhean-cluiche agus eòlas-teasgaisg taobh a-staigh traidiseanan eadar-fhighte na pìobaireachd is bàrdachd a’ buntainn ris an àrainneachd nàdarra, agus bidh mi a’ beachdachadh air cudromachd chleachdaidhean èisteachd co-cheangailte ris an os-nàdarra, leithid na cluaise ciùil – cleachdaidhean a dh’fhaodadh cothrom a thoirt dhuinn gluasad air adhart gu modhan èisteachd a tha na bu dhlùithe ri cruth-tìre na Gàidhlig.

Tha seo uile le amas a bhith ag obair a dh’ionnsaigh fuaim-eòlais Gàidhlig – cleas Steven Feld – mar dhòigh air eòlas fhaighinn agus a thuigsinn a thòisicheas le cleachdadh aireach “èisteachd ri eachdraidh èisteachd” agus a thèid am meud tro fhuaim, fhaclan is cheòl a thaobh àite is cultar.

Gilbert Márkus

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578