Michael Simpson (Oilthigh Chill Rìmhinn) & Rueben George
It Stops Here: Standing up for Our Lands, Our Waters, and Our People (Penguin 2023)
Dihaoine 18 Dàmhair 2024 | 19:00
An Talla Mòr, Sabhal Mòr Ostaig
Cha bhi an seiminear seo ri fhaicinn air-loidhne
It Stops Here: Standing up for Our Lands, Our Waters, and Our People (Penguin 2023) – sgeulachd mu na daoine Tsleil-Waututh, na ceanglaichean domhainn aca ri fearann agus uisgeachan an sinnsirean, an fhòirneart choloinidh a dh’fhuiling iad nuair a chaidh baile-mòr Bhancùbhar, Columbia Bhreatannach a thogail air an fhearann aca, agus mar a tha iad an-diugh a’ tarraing air an teagasg cultarach agus na cleachdaidhean deas-ghnàthach aca gus slànachadh bhon chron eadar-ghinealaich a tha air èirigh ri linn tuineachadh.
Seo cuimhneachan Rueben George, prìomh neach-dìon fearainn Dùthchasach agus Ceannard Sundance a chuir seachad mòran de na deich bliadhnaichean a dh’fhalbh a’ sabaid an Trans Mountain Pipeline, a bhios a’ tarraing bìth-thalmhainn bhon ghainmhich teàrr ann an Ailbearta gu uisge làn-mara air an fhearann aca. Tha an leabhar air a cho-sgrìobhadh le Michael Simpson, a tha na neach-tuineachaidh neo-Dhùthchasach à Canada agus na Àrd-òraidiche ann an Sgoil Cruinn-eòlas is Leasachadh Seasmhach aig Oilthigh Chill Rìmhinn. Sgrìobh Rueben agus Michael an leabhar thairis air ceithir bliadhna, gu tric fhad ‘s a bha iad a’ cur seachad ùine air a’ bhlàr a-muigh, a’ tadhal air làraichean naomha, a’ cleachdadh cuirm, no a’ tadhal air càirdean is Rueben a’ sgaoileadh a chuid sgeulachd.
Anns an còmhradh seo, bruidhnidh sinn mun cho-obrachadh againn, a’ dèiligeadh ri ceistean modh-obrach co-cheangailte ri co-riochdachadh eòlais, agus aig an aon àm a’ suathadh air cuspairean leithid an fhearainn, a’ chultair, dì-shealbhachaidh, trauma eadar-ghinealaich, slànachaidh, agus strì an aghaidh dì-cholonachd.