Skip to content

Seiminear-rannsachaidh: Murchadh MacDhòmhnaill

An taobh lèirsinneach den Ath-bheòthachadh Cheilteach, bho Iain Òg Ìle gu Somhairle MacGill-Eain

Diciadain 18 Sultain 2024 | 13:00
Seòmar Shomhairle, Sabhal Mòr Ostaig
Bidh an seiminear seo cuideachd beò air-loidhne

Iain Òg Ìle gu Somhairle MacGill-Eain: carson an dithis ud? Anns a’ cheathramh leabhar de Popular Tales of the West Highlands (Edmonstone & Douglas, 1862), tha Iain Òg Ìle a’ cuideachadh ann a bhith a’ samhlachadh dìreach dè th’ ann an ealain Cheiltich: tha còmhdach sònraichte ‘Ath-bheòthachaidh Cheiltich’ air an leabhar fhèin. Ann an Dàin do Eimhir (William Maclellan, 1943), gheibh sinn bàrdachd Ghàidhlig nuadhachail còmhla ri ealain nuadhachail le William Crosby. Bidh mi a’ rannsachadh an dà theirm ud, Ath-bheòthachadh Ceilteach air an aon làimh, agus Nuadhachas air an làimh eile. An dùil ciamar a tha iad càirdeach? A bheil iad an aghaidh a chèile, air neo co-phàirteach ri chèile?

Tha Murchadh MacDhòmhnaill na Ollamh Emeritus ann an Eachdraidh Ealain na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Dè, na Bhall Urramach de dh’Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus tha Caidreabh Urramach aige bho Chomann Litreachas na h-Alba.

Caitlin Powell

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578