Skip to content
SMO Generic Banner Image

A’ chiad òraid chuimhneachaidh air Sir Iain



Sir Iain NobleThèid a’ chiad Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble a lìbhrigeadh le Ailean Caimbeul aig Sabhal Mòr Ostaig an ath sheachdain. Chaochail Sir Iain air 25 Dùbhlachd 2010 agus mar chuimhne air na rinn e don cholaiste, don Ghàidhlig, agus don Eilean Sgitheanach tha Sabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein air Òraid Shir Iain a stèidheachadh.

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973, a tha a-nis na cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd’s dòcha gur e as motha a bhios cuimhne aig daoine air, an obair a rinn e a thaobh na Gàidhlig.

A thuilleadh air a bhith aig cridhe stèidheachadh Sabhal Mòr Ostaig, bha e na neach-iomairt gun abhsadh às leth na Gàidhlig. B’ esan a bha air cùl nan ciad soidhnichean-rathaid Gàidhlig ann an Alba, agus b’ esan a’ chiad duine a chleachd leabhar-seic Gàidhlig, a fhuair e bho Bhanca na h-Alba. Bhiodh e cuideachd daonnan a’ cur adhart Gàidhlig mar chànan obrach na chuid ghnìomhachasan ann an Slèite san Eilean Sgitheanach.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Oll Boyd Robasdan:’Bha buaidh anabarrach aig Sir Iain air eaconamaidh sgìre Shlèite agus air cor na Gàidhlig ann an Alba agus tha e freagarrach gu bheil dà bhuidheann anns an robh e fhèin gu mòr an sàs air tighinn còmhla gus clach a chur air a chàrn agus beachd a ghabhail air na choilean e. Cò shaoileadh nuair a chuir Iain colaiste air chois ann an seann sabhal aig Ostaig ann an 1973 gum biodh e an-diugh na Shàr-Ionad Nàiseanta airson na Gàidhlig agus na phàirt de dh’™Oilthigh ùr na Gàidhealtachd is nan Eilean.’

‘™S ann air leth iomchaidh a tha e gur e an Sgitheanach Ailean Caimbeul a bhios a’ toirt seachad a’ chiad òraid. Thug Ailean faisg air fichead bliadhna air Urras an t-Sabhail Mhòir agus fad iomadh bliadhna tha e fhèin air a bhith aig cridhe iomadach iomairt is adhartais a thaobh na Gàidhlig. Bha e na Cheannard air a’ BhBC air a’ Ghàidhealtachd, agus an dèidh sin mar Cheannard air Comann na Gàidhlig steidhich agus stìuir e iomairt airson Achd Gàidhlig, agus b’ e a’ chiad Cheannard air Bòrd na Gàidhlig.

Thuirt Mgr Caimbeul:’Chan eil fuasgladh aig duine sam bith air a h-uile dùbhlan ach tha cuid a nochdas bho àm gu àm a bheir lèirsinn ùr, iomairteach, fiù’s ionnsaigheach air cùisean, agus a chruthaicheas adhartas.’S e fìor dhuine innleachdail a bh’ ann an Iain Noble, daonnan a’ sireadh dhòighean leasachaidh coimhearsnachd agus eaconamaidh de gach seòrsa, agus gu sònraichte amasan gus Gàidhlig agus a cultar ath-nuadhachadh, agus barrachd dhaoine a thoirt gu bhith a’ cleachdadh a’ chànain. Dh’ fhàg innleachdan Iain dìleab adhartais nach gabh àicheadh agus tha e air leth iomchaidh gum biodh òraid cuimhneachaidh na ainm gach bliadhna aig a’ Cholaiste a tha na dearbhadh dhan t-saoghal mhòr air brìgh a chuid lèirsinn. Tha mise air leth moiteil gun do dh’™iarradh orm a’ chiad òraid a thoirt seachad.’

Thèid an òraid a lìbhrigeadh air Diciadain 21 Màrt aig 7.30f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha fàilte ron a h-uile duine agus tha e an-asgaidh. Thèid an òraid a thoirt seachad ann an Gàidhlig, ach bidh innealan eadar-theangachaidh ann do dhaoine aig nach eil Gàidhlig. Bidh ceòl ann cuideachd agus aoigheachd às dèidh làimh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578