Skip to content
SMO Generic Banner Image

A’ chiad teadaidh air an t-saoghal le Gàidhlig ga fhoillseachadh as t-Fhoghar



Tha teadaidh beag tarraingeach a bhios a’ teagasg 33 facail ann an Gàidhlig do leanabain, pàistean òga agus clann, air an t-slighe gu bhith mar aon de na nithean as cudromaiche a bhios san stocainn Nollaige ann an Alba am-bliadhna.

Nì a dh’™fheumas a bhith aig pàistean agus a bhios na chuideachadh mòr do phàrantan sam bith a tha airson a’ Ghàidhlig a chur an aithne do an cuid chloinne, bidh an teadaidh ùr dathtach seo ri fhaotainn bhon Dàmhair.  Ann am bruthadh putain air cluasan, spògan, casan no mionach, tha an dèideag ùr seo a’ labhairt mòran dhathan, àireamhan agus chumaidhean ann an Gàidhlig.

Tha am foillsichear Acair Earranta stèidhichte ann an Steòrnabhagh, air tabhartas fhaotainn bho Bhòrd na Gàidhlig  gus a’ chiad dèideag le Gàidhlig a thoirt gu buil. Freagarrach do chloinn bho aois sia mìosan, tha an teadaidh seo sa bheil 12 òirleach a dh’™àirde, mar a’ chiad cheum do dh’™Acair anns a’ mhargaid dhèideagan. Tha an teadaidh a’ cleachdadh guth Iona NicIlleathain à Àird Bhuirgh ann an Leòdhas, a tha 3 bliadhna a dh’ aois.

Thuirt Agnes Rennie, Ceannard Acair,’Seo a’ chiad turas do dh’ Acair agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ris an teadaidh Gàidhlig fhaighinn a-mach dha na bùithtean ann an àm airson na Nollaige. Tha na facail uile nam facail chumanta airson àireamhan, dathan agus cumaidhean agus bidh iad cho feumail do phàrantan’s a tha iad cho spòrsail do chloinn. Tha sinn ann an còmhraidhean mar-thà le ar com-pàirtichean ann an Èirinn a thaobh comas do leabhraichean agus beothalachdan  tbh a bhith a’ taisbeanadh an teadaidh chòmhraideach seo! Pasgan fìor mhath do theaghlaichean òga’…

Thuirt Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bord na Gàidhlig, Màiri Nic Ille Mhaoil:’Tha rannsachadh air nochdadh gu bheil brosnachadh chloinne gu cànan ùr ionnsachadh fhad’s a tha iad òg,  air an cuideachadh le an comas ionnsachaidh às dèidh sin san àm ri teachd. Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir do ionnsachadh cànain aig aois òg a bhith spòrsail, agus tha sinn fìor thoilichte taic a thoirt do dh’ Acair ann an cruthachadh na dèideig eadar-obrachail seo, airson clann òga air feadh Alba a chuideachadh ann an ionnsachadh na Gàidhlig.

Bidh an teadaidh le Gàidhlig ri fhaotainn bhon t-Samhain 2011, ach bidh ro-shealladh dheth aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo ann an Steòrnabhagh san Dàmhair.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578