“A’ Chrannag” – GAIRM AIRSON IARRTASAN SGRÌOBHAIDH
GAIRM AIRSON IARRTASAN SGRÌOBHAIDH – Pod-chraoladh Geàrr-fhicsean Gàidhlig.
‘S e pod-chraoladh ùr Gàidhlig a th’ anns “A’ Chrannag” a bhios a’ taisbeanadh cuid den fhicsean ghoirid ùr as fheàrr sa Ghàidhlig.
Tha sinn a’ sireadh pìosan ficsein anns a’ Ghàidhlig le 4 sgrìobhadairean, a thèid clàradh le cleasaichean gutha proifeiseanta agus thèid an craoladh mar chlàr pod-craolaidh aig toiseach 2019.
Gabhaidh sinn ri rosg, bàrdachd, dràma aon-neach, nua-sgrìobhadh no cruth sam bith eile a bhiodh freagarrach, cho fad’s a ghabhas e leughadh le aon chleasaiche gutha a-mhàin agus gu bheil e eadar 1000 agus 5000 facal a dh’fhaid.
Tha sinn a’ sireadh sgrìobhaidh a tha gu sònraichte stèidhichte air beul-aithris agus a tha sgrìobhte a dh’aona-ghnothach airson aithris. Tha sinn cuideachd a’ sireadh obair sgrìobhte a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an dòigh ùr no annasach.
Faodar pìosan a chur thugainn nach deach sgrìobhadh a dh’aona-ghnothach don phròiseact ach cha ghabh sinn ri sgrìobhadh a chaidh fhoillseachadh mar-thà.
Gabhaidh sinn ri earrannan à pìosan nas fhaide ma sheasas iad mar phìos sgrìobhaidh cruinn leotha fhèin.
Gabhaidh sinn ri sgrìobhadh ioma-chànanach a rèir co-theacsa a’ phìos agus mar a tha an cànan ga chleachdadh.
Gheibhear cuibhreann luach £200 mu choinneimh gach pìos a thèid cleachdadh agus’s ann leis an ùghdar a dh’fhanas a h-uile còir air an teacsa sgrìobhte.
‘S e pròiseact Outboard (outboard.online) a tha seo, an co-bhann le Stiùdio Ostaig aig Sabhal Mòr Ostaig agus le taic maoineachaidh le Maoin Ealain na Gàidhlig / Bòrd na Gàidhlig / Alba Chruthachail.
For further information, please contact hec.macinnes@gmail.com (Hector MacInnes), or visit http://www.outboard.online
The deadline is Friday 21 December 2018 at 17:00.