Skip to content
SMO Generic Banner Image

A’ comharrachadh 25 bliadhna de Sheachdain Alasdair Fhriseil aig Sabhal Mòr Ostaig OGE



Tha am fìdhlear ainmeil Albannach, Alasdair Friseal, a tha air cliù mhòr a chosnadh air feadh an t-saoghail, air ais’˜san Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa a’ teagasg aig campa na fidhle sònraichte aige, an aon champa dhe leithid aige an Alba, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan’˜s Cultar na Gàidhlig. An t-seachdain seo fhèin, tha a’ champa chliùiteach air clach-mhìle mhòr a ruighinn,’˜s còig bliadhna fichead ga chomharrachadh bho thòisich e.

Thairis air na bliadhnaichean, tha na ceudan de dh’ fhìdhlearan air tighinn chun a’ champa seo,’˜s mòran dhe na cluicheadairean òga as fheàrr ann an Alba an-diugh air oideachadh fhaighinn bhuaithe, a’ leithid Patsy Reid, Gabe MacMharais, Sarah Naylor agus Fiona NicAsgail.

B’™e seo an dàrna sgoil a-mach à trì a stèidhich Alasdair, a’ leantainn an sgoil fidhle Albannach, Valley of the Moon, a bha ainmeil air feadh an t-saoghail, a stèidhich e ann an Carolina a Tuath ann an 1984. Tha còrr is ceud oileanaich a’ gabhail pàirt’˜sa chùrsa’˜san Eilean Sgitheanach am bliadhna seo, le cluicheadairean eadar nàiseanta à Ameireaga a Tuath a’ tighinn mar luchd-oide. Nam measg tha Natalie Haas, a cheumnaich bho Sgoil Julliard ann an New York, agus a tha a’ cluiche còmhla ri Alasdair air a’ chlàr as ùire aca; Hanneke Cassel à Oregon a tha i fhèin air brod de chliù a chosnadh’˜sna Stàitean agus a tha air cluiche le còmhlain mar Cherish The Ladies; an dannsair-ceum agus neach ciùil Daibhidh Rankin à Ceap Breatain agus à Alba fhèin Sarah Naylor agus Fiona NicAsgail, a tha le chèile bhon Eilean Sgitheanach, agus Ciorstaidh Blackhall a cheumnaich bhon RSAMD ann an Glaschu agus a tha an-dràsta na h-oileanach aig an t-Sabhal.

Tron t-seachain seo cluichidh Alasdair, an luchd-oide agus na h-oileanaich aige aig a’ Cholaiste, aig seiseanan ionadail ann an Slèite agus crìochnaichidh a h-uile càil le oidhche shònraichte oidhche’˜Haoine airson na coig bliadhna fichead a chomharrachadh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578