Skip to content
SMO Generic Banner Image

Am Prìomh Mhinistear a’ tadhal air Sabhal Mòr Ostaig.



Taic-airgid airson trèanadh sgilean ann an co-fharpais filmichean goirid na Gàidhlig.

Bha sinn air leth toilichte gun do dh’ fhoillsich Ailig Salmond an-diugh faisg air £40,000 de thaic-airgid  airson trèanadh a thoirt do dhaoine òga le iarrtas film a dhèanamh, nuair a bha e a’ tadhal ann an Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Dhearbh am Prìomh Mhinistear gum biodh tabhartas luach £25,000 bho Bhòrd na Gàidhlig (BnG) agus £14,100 de thaic dhìreach bho Riaghaltas na h-Alba a’ maoineachadh trèanadh sgilean do thagraichean san roinn aois 12-gu-17 ann an co-fharpais FilmG am-bliadhna.

‘™S ann nuair a bha am Prìomh Mhinistear aig Sabhal Mòr Ostaig a’ coinneachadh ris a’ Phrionnsabal Boyd Robasdan agus prìomh luchd-obrach eile a dh’™fhoillsich e fios mu dheidhinn seo. Fhuair e cothrom coinneachadh le cuid de na h-oileanaich Albannach is eadar-nàiseanta a tha a’ frithealadh an sgoil-shamhraidh.

Thuirt e:’Tha mi toilichte tadhal ann an Sabhal Mòr Ostaig a-rithist airson coinneachadh ris a’ Phrionnsabal agus luchd-stiùiridh’s a dh’™fhaicinn dhomh fhìn an sàr obair a thathar a’ gabhail os làimh aig a’ cholaiste airson suidheachadh foghlam na Gàidhlig a leasachadh agus inbhe na cànain a dhaingneachadh air feadh na h-Alba.

‘Tha e cuideachd brosnachail cluinntinn mu dheidhinn an deagh bhuaidh a tha aig FilmG agus na cothroman a tha e air a chruthachadh ann an trì bliadhna’ a’ spreagail iomadh duine òg obair a thaghadh ann an gnìomhachas co-cheangailte ri telebhisean. Tha mi air leth toilichte dearbhadh an-diugh gum bi Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic ris a’ cho-fharpais am-bliadhna, le maoineachadh airson bhuidhnean-obrach do dhaoine san roinn aois 12-17.

‘Tha na buidhnean-obrach a’ tabhann don òigridh mòran den eòlas’s de na builean a th’ anns a’ Churraicealam airson Sàr-mhathais, nam measg sin, gleusadh sgilean ann an litearrachd, cànan, àireamhachd agus sna h-ealain. Tha FilmG a’ toirt cothrom air misneachd is mothachadh sòisealta a thogail, agus cuideachadh le tàlant gach duine a thoirt gu buil cheart.’

Tha dà roinn anns a’ cho-fharpais, a tha a-nis na ceathramh bliadhna’ aon do dh’ òigridh aois 12-gu-17 bliadhna agus aon do dh’ inbhich. Tha FilmG cuideachd a’ tabhann prògram iomlan trèanaidh san dà roinn seo, a’ toirt a-steach obair air beulaibh a’ chamara, obair camara, riochdachadh, sgrìobhadh sgriobta, stiùireadh, fuaim, gearradh agus Gàidhlig.

An-uiridh ghabh 324 daoine pàirt ann am buidhnean-obrach trèanaidh agus chaidh 54 filmichean sa cheud a bharrachd a chruthachadh an taca ri FilmG a’ bhòn-uiridh. Anns a’ cho-fharpais airson inbhich, bha 34 filmichean ann le 84 inbhich a’ gabhail pàirt san trèanadh. Am-bliadhna, thathar a’ brosnachadh buidhnean coimhearsnachd le duais shònraichte gus film aithriseach a chur ri chèile a bhios ag innse sgeulachd na coimhearsnachd aca.

Thuirt Art MacCarmaig, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:’Anns an strì gus àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig a mheudachadh, feumaidh cothroman a bhith ann do dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an dòighean cruthachail gus caidreachas deimhinneach a thogail leis a’ chànan taobh a-muigh a’ chlasruim. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ tuigsinn na buaidhe a tha aig FilmG a thaobh seo agus cuidichidh ar meudachadh taice le buidhnean-obrach do dhaoine òga ann an sgoiltean air feadh na h-Alba a chur air bhonn, a’ toirt cothrom do ghinealach ùr an sgilean Gàidhlig a leasachadh agus a chleachdadh gus filmichean goirid ùra a chruthachadh.’

Thuirt Donella Beaton, Ceannard Cànan:’Tha FilmG a’ toirt cothrom do dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an dòigh inntinneach agus tarraingeach. Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba thèid againn air obair le tuilleadh sgoiltean, agus gu ìre nas fheàrr, air feadh Alba. Tha mi misneachail gum faic sinn a’ bhuannachd bhon taic seo sna filmichean a gheibh sinn aig deireadh na bliadhna.’

Thuirt Alasdair Moireasdan, Cathraiche MG ALBA:’Bhon thòisich e bho chionn trì bliadhna, tha FilmG air grunnan dhaoine ealanta a thoirt am follais a tha dealasach agus comasach a bhith an sàs ann an gnìomhachas nam meadhanan Gàidhlig.  Gu sònraichte, tha a’ cho-fharpais a’ gabhail a-steach nan ginealaichean as òige bho na coimhearsnachdan sa bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn, a’ cuideachadh ann a bhith a’ neartachadh agus a’ brosnachadh an sgilean agus tha sinn air leth toilichte leis an t-sàr inbhe de dh’™fhilmichean a chaidh a chur a-steach san roinn aois 12-17’

‘Tha na buidhnean-obrach a’ toirt sàr thrèanadh do dhaoine aig a bheil ùidh mhòr ann am filmeadaireachd. Tha iad a’ toirt cothrom do chom-pàirtichean òga a bhith ag ionnsachadh bho phrìomh eòlaichean a’ ghnìomhachais nan grunn sgilean a dh’™fheumar airson film goirid a dhèanamh. Tha sinn air leth toilichte mu na chaidh fhoillseachadh an-diugh, oir bheir e cothrom dhuinn tuilleadh leasachaidh a thoirt air na buidhnean-obrach agus cuideachadh le bhith ag altram nan daoine ealanta a tha ann an saoghal na Gàidhlig ach nach deach an toirt gu bàrr fhathast.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578