Skip to content
SMO Generic Banner Image

An Dàrna Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a’ togail air soirbheachadh Foghlam Gàidhlig



Chaidh am pròiseas co-chomhairleachaidh poblach airson an dàrna Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig,  a tha a’ mìneachadh nan gnìomhan a tha riatanach gus fàs a thoirt air an àireamh ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba, fhoillseachadh ann an Alba an-diugh le Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachadh is Sgilean, an Dr Alasdair Allan BPA.
A’ foillseachadh an dreachd Plana, thuirt Ministear Riaghaltas na h-Alba airson Ionnsachadh is Sgilean, an Dr Alasdair Allan:’Bu toil leam taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuid ùine, spreigeadh agus lèirsinn ann a bhith ag ullachadh a’ Phlana Nàiseanta seo airson co-chomhairle. Tha sinn mothachail gum feum sinn deagh adhartas a dheànamh le Gàidhlig ann an Alba agus bidh am Plana Nàiseanta gu mòr na chuideachadh mu choinneamh sin.  Leis an sin, tha e cudromach gum faigh sinn ceart e.  Bidh sinne, còmhla ris a’ Bhòrd, a’ gabhail ùidh shònraichte ann am freagairtean a’ cho-chomhairleachaidh agus na teachdaireachdan a tha ag èirigh às. Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an deasbad air a’ chuspair chudromach seo agus dh’™iarrainn air daoine fa leth, buidhnean agus ùghdarrasan com-pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle.’

Thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Art MacCarmaig:’Tha an dreachd Phlana seo a’ mìneachadh dòigh iomlanach air leasachadh na Gàidhlig, a’ dearbh-aithneachadh a’ phrìomh dhleastanas a tha aig foghlam is ionnsachadh Gàidhlig ann an stèidheachadh fàs agus na dòighean sam faod an siostam foghlaim, dachaighean, coimhearsnachdan, na h-ealain, na meadhanan agus dualchas, taic fhaotainn gus ar n-amasan a choileanadh, a thaobh an dà chuid fàs agus deagh-ghnè ann an ionnsachadh is cleachdadh cànain sna bliadhnaichean a tha ri teachd.’

Thuirt e:’Ged is e dleastanas Bhòrd na Gàidhlig Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig a dheasachadh, agus stiùir a thoirt seachad ann a bhith ga liubhairt,’s e aon phrìomh phuing gur e ro-innleachd nàiseanta a tha seo, agus’s ann tro bhith mothachail air sealbh co-roinnte dheth agus gach neach a’ gabhail a phàirt fhèin ann a bhith ga liubhairt a bhios an cothrom as fheàrr aige air soirbheachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri freagairtean fhaighinn air ais mun dreachd Plana seo.’

Tha am Plana a’ cur cuideam sònraichte air an fheum air togail air soirbheachadh Foghlam Gàidhlig, gu h-àraid foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, gus tèarainteachd seasmhach a dhleasadh don chànan san àm ri teachd. Nochd an Cunntas-sluaigh Nàiseanta 2001 gun robh an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba air a dhol sìos bho 1991 ach gun robh an ìre crìonaidh air tòiseachadh a’ lùghdachadh agus gu h-àraid, gun robh an àireamh de luchd-labhairt òg air meudachadh. Bha seo an urra gu ìre mhòr ris an t-soirbheachadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, le taic bho na leasachaidhean thar nan deicheadan a dh’™fhalbh ann an inbhe na Gàidhlig agus anns an raon de sholar ri fhaotainn sa chànan.

‘™S e prìomh thargaid a’ Phlana bunailteachd a ruighinn anns an àireamh de dhaoine a’ labhairt na Gàidhlig le bhith ag àrdachadh na h-ìre aig a bheil luchd-labhairt ùr na Gàidhlig gan cruthachadh gu’˜ìre cur an àite”’s e sin, an ìre gu far a bheil cruthachadh an luchd-labhairt ùr a’ cothromachadh call luchd-labhairt na Gàidhlig nas sine.’S e na slatan-tomhais coileanaidh sònraichte mu choinneamh na targaid seo gun daingnich Cunntas-sluaigh Nàiseanta 2021 gu bheil an t-àrdachadh anns an àireamh de dhaoine òga a’ labhairt Gàidhlig a’ leantainn air adhart, agus aig 2031 gu bheil e air ìre cur an àite a ruighinn.

Tha coinneachadh na targaid seo a’ comharrachadh mar riatanas bunaiteach, dùblachadh anns an àireamh de chloinn ag inntrigeadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig P1 ro 2017 (bho 400 gu 800). Gus iarrtas phàrantan a choinneachadh, tha feum air dòigh cho-òrdanaichte le ùghdarrasan ionadail, Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean eile gus planadh airson fàs ann an cothrom air foghlam tron Ghàidhlig air feadh Alba, tro phrògram de thasgadh calpa agus planadh luchd-obrach.

Thuirt Murchadh MacÌomhair, a bha na Stiùiriche Foghlaim aig Comhairle Lannraig a Tuath agus na Chathraiche air Buidheann Stiùiridh Ro-Innleachd Foghlam Gàidhlig Nàiseanta:’Is e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an aon chothrom a tha ri fhaotainn fad’ is farsaing airson oideachadh gu dà-chànanach ann an Alba. Gu h-eadar-nàiseanta, tha rannsachadh air buannachdan dà-chànanais a dhaingneachadh gu cunbhalach ann an àrdachadh chothroman beatha do dhaoine òga. Tha seo air a dhearbhadh ann an Alba tro rannsachadh neo-eisimeileach air coileanadh oideachail sgoilearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e mar fhiachaibh oirnn barrachd cothroim a thoirt do dhaoine òga air feadh na dùthcha air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig inntrigeadh. Tha mi a’ creidsinn gu bheil am beachd sin aig gach ball den Bhuidheann seo, a chuidich leis an ro-innleachd foghlaim is ionnsachaidh sa Phlana seo a dhealbhadh.’

A’ meòrachadh air a phrìomh àite aig foghlam is ionnsachadh Gàidhlig sa Phlana, thuirt Stiùiriche Ionnsachadh is Coimhearsnachd ann am Foghlam Alba, Anna Jardine:’Tha Foghlam Alba a’ cur taic agus a’ meas luach air na tha foghlam Gàidhlig a’ cur ri sgoiltean na h-Alba agus a tuigsinn a chomais ann an cuideachadh le foghlam farsaing agus eòlasan beatha luchd-ionnsachaidh. Leanaidh Foghlam Alba air adhart a’ solarachadh stiùireadh ro-innleachdail agus ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile mar a bhios iomchaidh gus na rùintean oideachail a choileanadh a tha air an comharrachadh sa phlana agus gus dèanamh cinnteach à fàs ann an Gàidhlig ann an Alba san àm ri teachd.’

Thuirt Cathraiche a’ Bhùird, Art MacCarmaig a-rithist:’Tha sinn taingeil airson an taic a fhuair sinn ann am buileachadh a’ chiad Phlana Cànin Nàiseanta Gàidhlig, agus a’ chomhairle’s an cuideachadh a chaidh a thoirt dhuinn ann an cumadh an dreachd Plana seo.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578