Skip to content
SMO Generic Banner Image

An sgrìobhadair Dòmhnall S. Moireach a’ tadhal air an t-Sabhail



Bho chionn ghoirid bha an sgrìobhadair Dòmhnall S. Moireach a’ leughadh bhon obair aige san Leabharlann aig Sabhal Mòr Ostaig còmhla ri Meg Bateman is Sgrìobhadair an t-Sabhail, Rody Gorman.

‘˜S ann a’ Nis a tha Dòmhnall S. Moireach agus tha e a teagasg ann an Sealtainn an-dràsta. Tha sgrìobhadh leis – bàrdachd, rosg is naidheachdas – air nochdadh ann an caochladh àiteachan, nam measg BBC Radio 4 agus Radio na h-Alba.

Bha an cruinneachadh de sgeulachdan-goirid leis Special Deliverance (Scottish Cultural Press) san fharpais airson Duais Chomann Crann na Brataich. Tha e air deannan cruinneachaidhean bàrdachd fhoillseachadh, nam measg Between Minch And Muckle Flugga, Praising The Guga, Speak To Us, Catriona agus West Coasters a bha san fharpais airson Duais-chuimhneachain Chaluim Dhòmhnallaich. Tha e cuideachd air dà leabhar-aithriseachd a sgrìobhadh, The Guga Hunters agus And On This Rock: Italian Chapel, Orkney agus cruinneachadh seach an àbhaist de bhàrdachd is sgeulachdan air a bheil Small Expectations.

Bidh e a foillseachadh Weaving Songs mar chomarrachadh air ceud bliadhna de dh’™obair a’ Chlò Mhòir as t-fhoghar am-bliadhna.

Rinn Rody Gorman leughadh às na cruinneachaidhean ùra leis, Beartan Briste/burstbrokenjudgementshroudloomdeeds (Clò Oilthigh Cheap Breatainn) agus Ceangailte (Coiscéim).

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578