Aonta air Leasachadh baile ùr na Cille Bige
Maoineachadh Eòrpach a’ coilionadh earrann mhaoineachaidh Ìre 1 baile na Cille Bige
Chuir Bòrd Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig OGE, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, an-diugh deagh fhàilte air an naidheachd gun do dh’fhoillsich An Leas Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, BPA, gun tèid £1.908m de mhaoineachadh calpa a shònrachadh don phròiseact an lùib Prògram Mhaoinean Structarail Eòrpach ERDF.
Chaidh a’ ghairm mhinistearach fhoillseachadh an cois prìomh òraid an Leas Phrìomh Mhinisteir don chuirm European Structural Funds – Annual Publicity Event & Recognition Awards Ceremony a chaidh a chumail aig Oilthigh Glasgow Caledonian.
Tha am maoineachadh a’ coilionadh earrann mhaoineachaidh Ìre 1 de £6.7m a chaidh a dhearbhadh le taic bho Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Chomhairle na Gàidhealtachd is Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig agus mar sin faodar Ìre 1 de Phròiseact Leasachaidh Baile na Cille Bige a chur air chois air ball. ‘S e an sgioba dhealbhaidh, fo stiùir Stiùiriche a’ Phròiseict, Donaidh MacFhionghain bho McKinnon Associates, a’ chompanaidh ailtireachd Holmes Miller ann an com-pàirteachas le Rural Design às an Eilean Sgitheanach; a’ chompanaidh thomhais-meud, Currie and Brown; innleadairean thogalach, Halcrow; innleadairean seirbheis DSSR; agus Aecom a tha na chompanaidh cho-òrdanaiche CDM.
Fhuair Mòr Phlana a’ bhaile ùir Cead Dealbhaidh slàn ann am prionnsapal anns a’ Ghiblean 2012, an dèidh comhairle phoblach anns nach deach cùis sam bith a thogail na aghaidh.
Thèid bun-structair is seirbheisean leasachaidh don chiad cheithir acairean air làrach Mòr Phlana na Cille Bige a chur air chois an lùib Ìre 1 den phlana. Thèid togalach ùr a chur air bhonn do SMO anns am bi Rianachd, Rannsachadh, Sgaoileadh Eòlais is Iomairtean gan leasachadh agus anns an tèid 20 dreuchd a tha ann mar-thà a ghlèidheadh agus 20 dreuchd ùr a chruthachadh sa choimhearsnachd, agus buaidh eaconamach de £400,000 na chois. Thèid cruthachadh Ìre 1 a chur air chois rè 15 mìosan bhon t-Sultain 2013 anns an tèid 50 dreuchd a chruthachadh is £1.6m a thoirt don eaconamaidh.
Cuiridh an leasachadh ionmholta seo barrachd ris a’ bhuaidh mhòr a tha air a bhith aig an t-Sabhal Mhòr air leasachadh eaconamach is sòisealta sgìre Shlèite a bha uaireigin ‘lag’ agus a tha, an aghaidh an t-srutha, air dùblachadh a rèir àireamh-sluaigh anns na beagan bhliadhnachan a dh’fhalbh.
Chaidh sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh ann an 2011 air buaidh eaconamach SMO agus thugadh fa-near gu robh e a’ cumail taic ri 138 dreuchdan Co-ionnan ri Làn-thìde (FTE) anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, a tha a’ cruthachadh teachd a-steach bliadhnail de £3.5m dhan eaconamaidh agus £3.1m (89%) de sin air a ghlèidheadh anns an Eilean Sgitheanach is Loch Aillse.
‘S e Ìre 1 a’ chiad cheum air ath-leasachadh lèirsinneach le SMO air Àrainn Ostaig, far an deach a’ Cholaiste a stèidheachadh, anns am bi ionad co-labhairt is trèanaidh agus 40 seòmar-cadail ann an 2018, agus goireasan ùra spòrs don cholaiste is don choimhearsnachd, agus 75 taighean ùra rè 20 bliadhna de leasachadh na Cille Bige. Thathar an dùil gun tèid 40 dreuchd sheasmhach agus buaidh eaconamach de £750,000 a chruthachadh an lùib Ìre 2 agus stèidheachadh an ionaid cho-labhairt is spòrs.
Thuirt Neach-cathrach SMO, an Siorraidh Ruaraidh Iain MacLeòid, an-diugh, “Tha am Bòrd Stiùiridh air leth toilichte gu bheil an Sabhal Mòr a-nis ann an suidheachadh far an urrainn dhuinn a dhol air adhart leis a’ phròiseact bhrosnachail lèirsinneach seo. Chan ann a h-uile latha a gheibh ionad-foghlaim an cothrom a dhol an lùib leasachadh cho sàr-shamhlachail, a fhrithealas feumalachdan leasachadh fearainn an t-Sabhail san àm ri teachd ach cuideachd, ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd, a chruthaicheas dhan Eilean Sgitheanach a’ chiad bhaile ùr bhon a stèidhichear baile Phort nan long far an do thogadh mi-fhìn le muinntir na Hearadh is Leòdhas o chionn ceud bliadhna.”
Lean Mgr MacLeòid air, “Tha am pròiseact a’ tachairt aig crois-rathaid chudromach ann an eachdraidh an t-Sabhail Mhòir: bidh a’ chiad phloc air a ghearradh ann an 2013, nuair a bhios sinn a’ comharrachadh an 40mh Ceann-bliadhna againn. Tha an tuiteamas sin gu math iomchaidh seach gum bi am baile ùr, ann an iomadh dòigh, na thaisbeanadh air amasan agus rùintean Shir Iain Noble agus nan Urrasairean aige a stèidhich SMO, gum biodh Gàidhlig, mar chànan, na h-adhbhar brosnachaidh do leasachadh eaconamach agus sòisealta san sgìre. Tha mi cinnteach às gum biodh iad air a bhith gu mòr air cùl na tha fo ar comhair an-dràsta.”
Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan, “Tha lèirsinn agus ùr-ghnàthachas air a bhith nan comharran air Sabhal Mòr Ostaig bho thoiseach agus tha Pròiseact àrd-mhiannach na Cille Bige gan taisbeanadh uair eile. Tha maoineachadh ERDF fìor chudromach seach gun leig e leis a’ Cholaiste teannadh air an obair a bhios co-cheangailte ri bhith a’ cur lèirsinn a’ Mhòir Phlana an gnìomh. Bidh buannachd dhan Cholaiste is dhan choimhearsnachd ann an leasachadh na Cille Bige agus cuiridh e spionnadh às ùr ann an ath-bheothachadh eaconamach Shlèite, a chaidh a spreigeadh le stèidheachadh SMO ann an 1973.”
Thuirt Donaidh Rothach, Stiùiriche Leasachaidh, Maoineachaidh is nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig, “Tha seo a’ toirt cothrom do SMO, ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd ionadail, airson baile ùr, beothail is seasmhach a chruthachadh agus a’ Ghàidhlig a ghleidheadh ann an teis-meadhan na coimhearsnachd. ‘S e pròiseact lèirsinneach fad-ùine a th’ anns a’ Chill Bhig agus thèid a leasachadh mean air mhean airson caochladh ghoireasan a sholarachadh don Cholaiste fhèin is don choimhearsnachd ionadail. Thèid goireasan spòrs, air a bheil cruaidh-fheum, a liubhairt an lùib ìrean leasachaidh a’ Mhòir Phlana, agus taighean air prìsean reusanta, bùithtean is gnìomhachasan, toglaichean foghlaim is rannsachaidh, goireasan co-labhairt is thachartasan, taigh-òsta beag agus suas ri 75 taighean a thoirt gu buil. Chaidh na riaghailtean dealbhaidh aontachadh an lùib co-theacs an Aonta Dhealbhaidh airson dèanamh cinnteach gun coilean an leasachadh na h-ìrean as àirde a thaobh àrainneachd agus ailtearachd agus gum bi a’ Chill Bheag na deagh eisimpleir air leasachadh dùthchail a tha an dà chuid ùr-nodha agus seasmhach.”