
OGE an dèidh sgoilear is bana-bhàrd chliùiteach às an Eilean Sgitheanach a dhèanamh na h-Àrd-Ollamh
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dèidh sgoilear is bana-bhàrd chliùiteach às an Eilean Sgitheanach a dhèanamh na h-Àrd-Ollamh. Chaidh an tiotal a bhuileachadh air Meg Bateman mar aithneachadh air na chuir i ri sgoilearachd agus rannsachadh ann an eòlas Ceilteach is Gàidhlig.
Stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig agus aon de chom-pàirtichean acadaimigeach an oilthigh, tha an t-Àrd-Ollamh Bateman na h-eòlaiche air litreachas Ceilteach is Albannach, agus na sgrìobhadair is bana-bhàrd a chaidh fhoillseachadh gu h-eadar-nàiseanta.
Bha i na h-oileanach is na h-òraidiche aig Oilthigh Obar Dheathain, far an tug i mach dotaireachd ann am bàrdachd chlasaigeach spioradail. Ghluais an t-Àrd-Ollamh Bateman gu Sabhal Mòr Ostaig UHI ann an 1998, air a tarraing leis a’ ghealltanas gun robh foghlam aig an treas-ìre air faire dhan Ghàidhealtachd.
Thuirt prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh, An t-Ollamh Clive Mulholland: “Is e tiotal àrd-ollaimh an ìre as àirde de dh’aithne acadaimigeach as urrainnear buileachadh. Tha e air a thoirt do dhaoine a tha air thoiseach air càch san raon-obrach aca agus a sheall sàr-mhathas san obair aca. Chuir an t-Àrd-Ollamh Bateman gu mòr ri sgoilearachd agus rannsachadh ann an eòlas Ceilteach is Gàidhlig. Tha an clàr acadaimigeach air leth aice na bheairteas anabarrach don oilthigh agus tha sinn glè thoilichte an duais seo a bhuileachadh mar aithneachadh air na chuir i ris an oilthigh agus air cho dìcheallach ’s a tha i.”
A’ bruidhinn mun tiotal ùr aice, thuirt An t-Àrd-Ollamh Bateman: “Tha mi a’ faireachdainn gu bheil seo a’ daingneachadh nan oidhirpean a rinn mi agus a’ toirt dhomh misneachd airson na tha romham. Thuirt am prionnsapal againn, Boyd Robasdan, a chuir m’ainm air adhart, gun robh an duais seo coltach ri tiodhlac Nollaig don t-Sabhal Mhòr; gu dearbh tha e sin do mo mhàthair a tha 90 bliadhna a dh’aois! Mo bhuidheachas do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson a’ mhisneachaidh; tha mi an dòchas gun coilion mi na thathar an dùil bhuam.”
Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig UHI: “A bharrachd air a’ chomas acadaimigeach aice, tha cliù eadar-nàiseanta aig an Àrd-Ollamh Bateman mar bhàrd agus sgrìobhadair. Tha i gun teagamh am measg nam prìomh bhàird ann an Alba. Tha i a’ toirt mòr-chliù don cholaiste agus don oilthigh agus tha mi fìor thoilichte gun deach an t-seirbheis air leth aice aithneachadh leis an duais seo.”
Rinn an t-Àrd-Ollamh Bateman dàn sònraichte airson Latha-Greadhnachais Oilthigh ùr na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Inbhir Nis ann an 2011. Tha ‘Gun Lasadh an Taobh Tuath’ a’ toirt beò gairm an oilthigh agus an àite aige ann an aon de phàirtean as bòidhche agus as ioma-ghnèithiche an t-saoghail. Chaidh a leughadh anns a’ Ghàidhlig, ann an Albais agus anns a’ Bheurla.