Skip to content
SMO Generic Banner Image

Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba a’ cur air bhog leabhar eachdraidh mu Iomairt Sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann



Cuiridh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Suaineach BPA, leabhar eachdraidh ùr air bhog a chaidh a sgrìobhadh leis an Dr Tim Armstrong òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach. 

Tha an leabhar ùr seo, Às na Freumhan, a’ leantainn eachdraidh air iomairt na Sgoile Gàidhlig ann an Dùn Èideann, strì a bha fada agus, aig amannan, connspaideach agus a mhair ceithir bliadhna deug.  Aig a’ cheann thall, chaidh a buannachadh le pàrantan agus iomairtichean Gàidhlig eile a chùm orra a’ strì fad na h-ùine sin, is a thug air Comhairle Bhaile Dhùn Èideann aontachadh ri Bun-Sgoil Taobh na Pàirce ann an 2011.

A bharrachd air an eachdraidh, tha Armstrong a’ coimhead air cuspair nan sgoiltean Gàidhlig ann an Alba, is e a’ dèanamh na h-argamaid gur e barrachd sgoiltean Gàidhlig, a’ gabhail àite nan ionadan Gàidhlig, an aon rud a nì cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig da-rìribh a’ cur ri glèidheadh a’ chànain ann an Alba.

“Tha mòran bhuannachdan an lùib nan sgoiltean Gàidhlig fa leth”, mhìnich Armstrong.  “Buannachdan foghlaim, sòisealta agus cànanach, ach ’s e am buannachd as motha a th’ aca an cothrom ethos làidir Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na sgoileadh.”

“Cha chleachd òigridh an cuid Gàidhlig ro thric taobh a-muigh na sgoileadh neo san àm ri teachd mura bi an cànan cudromach dhaibh gu pearsanta, mar phàirt den fhèin-aithne aca mar Ghàidheil òga.  Gus dàimh làidir a thogail eadar an cànan is am fèin-aithne, feumaidh tidsearan ethos làidir Gàidhlig a chur air adhart aig gach ìre ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, rud a tha fada nas fhasa a thoirt gu buil ann an sgoil Ghàidhlig na bhiodh e ann an ionad Gàidhlig neo ann an sgoil a tha air a roinn eadar a’ Bheurla ’s a’ Ghàidhlig.”

Thèid an leabhar a chur air bhog Diluain 24 Gearran aig 7f aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce, am bun-sgoil Ghàidhlig ann an Lìte.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578