Bàs Chonnlaoich: Ath-nuadhachadh laoidh gaisgeil àrsaidh
A’ Seinn na Sgeulachd: Bàs Chonnlaoich | Singing the Story: The Death of Connlaoch
Disathairne 20 Dàmhair, 6.30f, Teatair Netherbow, Ionad Sgeulachdan na h-Alba
https://www.sisf.org.uk/event/?eventid=16721
Bho thàllachan cheann-cinnidh gu taighean-cèilidh, airson iomadach linn tha na laoidhean gaisgeil agus na sgeulachdan coicheangailte riutha air a bhith aig cridhe dualchas nan Gàidheal. Nochdaidh iad anns na làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig as tràithe a th’ againn, agus ann am beul-aithris nan linntean againn fhìn. Leis na laoidhean gaisgeil, ruigidh cultar agus ealain nan Gàidheal am barra-mhullaich.
Air Disathairne 20 Dàmhair, bidh taisbeanadh ùr de Bhàs Chonnlaoich fo sgèith Fhèis Sgeulachdan Eadar-nàiseanta na h-Alba. Bidh dithis luchd-ealain barraichte, seinneadair Maighread Stiùbhart agus fear-ciùil agus seanchaidh Pàdruig Moireasdan, a’ cleachdadh an laoidh agus na sgeulachd gus innse mu bhàs Chonnlaoich, mac na bana-phrionnsa gaisgeil Albannaich Aoife agus a’ ghaisgich Èireannaich Cú Chulainn, le làimh athar fhèin.
Le bhith a’ co-obrachadh le luchd-cuideachaidh acaideimigeach Abigail Burnyeat (Ceiltis agus Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann) agus Domhnall Uilleam Stiùbhart (Sabhal Mòr Ostaig, OGE), tha Pàdruig agus Maighread air a bhith a’ tarraing air sgeulachdan Gàidhlig a tha cho aosta ris an naoidheamh linn, cho math ri laoidhean a chaidh a sgrìobhadh sìos le luchd-cruinneachaidh anns an ochdamh agus anns an naoidheamh linntean deug. Ghabh iad ris an dùbhlan a bhith ag ath-chruthachadh fonn don laoidh às ùr, agus lorg iad dòigh-innse na sgeulachd a tha earbsach an dà chuid do sgeòil nam Meadhan Aoisean cho math ri seanchas beò Gàidheil an latha an-diugh. Tha an taisbeanadh aca na cho-chur de dh’òran agus de sgeulachd, a’ cur anail às ùr annta airson èisteachd an aonamh linn ar fhichead.
’S e cothrom sònraichte a th’ ann an A’ Seinn na Sgeulachd: Bàs Chonnlaoich | Singing the Story: The Death of Connlaoch gus eòlas a chur air pàirt fìor chudromach de dhualchas na Roinn-Eòrpa, fear de na tiodhlaicean a bhuilich a’ Ghàidhlig air an t-saoghal air fad.
’S i Maighread Stiùbhart, à Col Uarach ann an Eilean Leòdhais, tè de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr agus as eòlaiche a th’ ann an Alba an-diugh.
’S ann de shliochd fìor sheanchaidhean a tha Pàdruig Moireasdan à Eilean Griomasaigh, Ceann a Tuath Uibhist: sgrìobhaiche-ciùil, cleasaiche, agus cuideigin a tha am measg an fheadhainn as fheàrr ann an ginealach ùr de luchd-ciùil traidiseanta.
Fhuair an taisbeanadh seo taic fhialaidh bho Urras Hope Scott agus bhon Chomann Rìoghail Cheilteach.