Skip to content
SMO Generic Banner Image

Beatha is Obair an Urr. Teàrlach MacDhonnchaidh



Sabhal Mòr Ostaig
Ionad Iain Nobail
21/11/19
13.00f

Tha fàilte chridheil romhaibh uile.

B’ e an t-Urr. Teàrlach MacDhonnchaidh (1864–1927) fear de shàr sgoilearan Gàidhlig deireadh na naoidheamh linn deug agus toiseach na ficheadamh linn. B’ ann bho Shrath Tatha ann an Siorramachd Pheairt a bha e, agus mar mhinistear bhiodh e a’ siubhal mu thimcheall na Gàidhealtachd a dh’àiteachan leithid Arainn, Earra-Ghàidheal, Loch Abar, Siorrachd Inbhir Nis, Siorrachd Narann, Cataibh, Ros an Iar, An t-Eilean Sgitheanach, Diùra agus Ìle, cho math ri Siorramachd Pheairt dham buineadh e fhèin. Airson còrr math is trichead bliadhna, bhiodh MacDhonnchaidh a’ cruinneachadh mion-fhiosrachadh mu ainmean-àite, dualchainnt agus beul-aithris bho mhuinntir nan àiteachan sin aig an robh Gàidhlig. Rinn e seo aig àm nuair a b’ i a’ Ghàidhlig prìomh chànan nan sgìrean, agus bhiodh mòran den fhiosrachadh a chruinnich e, gu h-àraid ainmean-àite, air a chall mura b’ e nan leabhraichean-nòtaichean a dh’fhàg e às a dhèidh.

O chionn goirid, dh’fhoillsich an Dr. Jacob King stuth ainmean-àite mar Scottish Gaelic Place-Names: The Collected Works of Charles M. Robertson. Anns an òraid seo, nì an Dr. King suirbhidh den stuth seo cho math ris a’ chus stuth neo-fhoillsichte mu dheidhinn dual-chainnt Gàidhlig a rinn MacDhonnchaidh ri a linn-sa.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578