![SMO Generic Banner Image](https://b2480852.smushcdn.com/2480852/wp-content/uploads/2021/06/webcam-banner.jpg?lossy=1&strip=1&webp=1)
Bliadhna shoirbheachail eile aig Sabhal Mòr Ostaig
Thàinig bliadhna shoirbheachail aig Sabhal Mòr Ostaig gu crìch leis an naidheachd gun deach urram sònraichte a bhuileachadh air luchd-teagaisg na Colaiste le Comann Oileanach Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (OGE).
Chaidh an Dr Tim Armstrong, an Dr Meg Bateman, an t-Ollamh Ridseard V. Cox agus Donnchadh Scott ainmeachadh mar sàr luchd-teagaisg anns na duaisean a thug Comann Oileanach OGE seachad agus choisinn Murchadh MacLeòid, a tha na Stiùiriche air a’ Chùrsa Chomais, prìomh aithne mar’Most Inspiring Lecturer’.
Chaidh dòighean teagaisg Mhurchaidh a mholadh gu sònraichte agus dh’ainmich na h-oileanaich cho mòr is a chord e riutha a bhith sa chlas agus am piseach a thàinig air an cuid Gàidhlig.
B’ e seo a’ chiad turas a tha Comann Oileanach OGE air na duaisean teagaisg seo a chur air adhart agus thuirt Liondsaidh Nic Mhìcheil, a tha na h-oifigear aca;’Tha na duaisean seo a’ toirt cothrom do dh’oileanaich sàr luchd-teagaisg a mholadh agus an obair ionmholta a rinn iad thar na bliadhna aithneachadh ann an dòigh iomchaidh.’
Chuir Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, fàilte air an naidheachd a ràdh:”S e fìor adhbhar moit a tha seo don Cholaiste agus thathas a’ toirt taing do sgioba an Fhoghlaim airson an cuid saothrach ann a bhith ag adhartachadh rannsachadh, teagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig.
‘Tha sinn air leth toilichte gu bheil na h-oileanaich air sàr theagaisg an t-Sabhail aithneachadh san dòigh seo agus bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air an luchd-teagaisg agus gu sònraichte air Murchadh a choisinn cliù dha fhèin agus don Cholaiste air feadh OGE.’
Tha barrachd air 8,000 oileanach clàraichte air cùrsaichean ceuma no a’ dèanamh rannsachadh aig OGE aig colaistean is ionadan air feadh na Gaidhealtachd is nan Eilean, Sabhal Mòr Ostaig nam measg. Tha barrachd air 300 oileanach clàraichte air cùrsaichean làn-thìde is pàirt-thìde aig an t-Sabhal Mhòr. Bidh a’ Cholaiste cuideachd a’ cur fàilte air daoine bho air feadh an t-saoghail as t-samhradh le dùil ri còrr is 500 oileanach air cùrsaichean goirid a thòisicheas an t-seachdain-sa.