Skip to content
SMO Generic Banner Image

Bliadhna shònraichte ann an eachdraidh an t-Sabhail a’ tòiseachadh le cèilidh agus ceòl



Fad na bliadhna 2013, bidh Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ cumail grunn thachartasan gus comharrachadh gu bheil 40 bliadhna ann bhon a chaidh a’ cholaiste Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Slèite san Eilean Sgitheanach. San ùine sin tha SMO air a dhol bho bhith tabhann chùrsaichean samhraidh ann an Gàidhlig gu bhith na Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, a tha mar phàirt de Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus a tha tairgse farsaingeachd de chùrsaichean ceuma, for-cheum agus fo-cheum, cùrsaichean goirid, cùrsaichean pàirt-thìde is làn-thìde agus foghlam air astar. Agus tha 1,100 oileanach air an clàradh aig a’ cholaiste an-dràsta tarsainn nan cùrsaichean uile (mu 750 air cùrsaichean goirid agus mu 350 air cùrsaichean air an làrach agus air astar).

Mar chiad chomharra air a’ bhliadhna, bidh SMO a’ cumail Cèilidh na Bliadhn’ Ùire san Talla Mhòr aig a’ cholaiste air 12mh dhen Fhaoilleach far am bi cothrom aig luchd-obrach, oileanaich agus muinntir na sgìre tighinn còmhla gus an t-Seann Bhliadhn’ Ùr a thoirt a-staigh agus cuimhneachadh air seann-làithean an t-Sabhail. Bidh e a’ tòiseachadh aig 7f le buntàta is sgadan agus bidh cèilidh ann às dèidh làimh.

An uair sin air 19mh dhen Fhaoilleach thèid cuirm-chiùil a chumail aig Celtic Connections ann an Glaschu airson SMO@40 far am bi grunn luchd-ciùil le ceangal ris a’ cholaiste a’ tighinn còmhla gus ceann-bliadhna na colaiste a chomharrachadh. Tha an oidhche mar urram dhan cholaiste is an obair phrìseil is thorrach a tha i air a dhèanamh mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus gus sealltainn mar a tha an Sabhal Mòr air buaidh mhòr a thoirt air beatha chultarach na h-Alba thar an dà fhichead bliadhna a dh’fhalbh.

Am measg an luchd-ciùil a tha gu bhith gabhail pàirt sa chonsairt, tha Mícheál Ó Súilleabháin, Julie Fowlis, Alasdair Friseal, Feargaidh Dòmhnallach, Cairistiona Primrose,  Mairead Stiùbhart, Seumas Greumach, Ailean Dòmhnallach, Decker Forrest, Màiri Anna NicUalraig Dàimh, Ailean MacEanraig, Iain Dòmhnallach, Aonghas MacNeacail, Ingrid NicEanraig, Anndra Mac a’ Phearsain, Murchadh Camshron agus Alasdair MacIlleBhàin.

Thuirt Boyd Robasdan, Prionnsapal na Colaiste: “Cò chreideadh nuair a chaidh a’ chiad chùrsa goirid a chumail san t-seann Shabhal aig Ostaig san t-Sultain 1973 gun ruigeadh a’ Cholaiste an inbhe a th’ aice an-diugh mar Ionad Nàiseanta airson na Gàidhlig le ceanglaichean làidir eadar-nàiseanta. Bheir a’ bhliadhna seo cothrom dhuinn aithne a thoirt dhan lèirsinn a bh’ aig Iain Noble ann a bhith a’ cur na Colaiste air chois agus dhan obair a rinn na diùlnaich a chuidich e agus a chuir an lèirsinn sin an gnìomh.  Bheir e cuideachd cothrom do na mìltean dhaoine a tha air a bhith nan oileanaich aig an t-Sabhal ceangal a dhèanamh as ùr ris a’ Cholaiste agus cur ri adhbhar na Colaiste.  Ach chan ann dìreach a’ coimhead air ais a bhios sinn idir.  Bidh a’ bhliadhna 2013 sònraichte cuideachd airson gum bithear a’ tòiseachadh air caibideil ùr ann an leasachadh an t-Sabhail tro phròiseact na Cille Bige a chruthaicheas baile ùr ri taobh an t-Sabhail agus a chuireas gu mòr ri goireasan na Colaiste agus na coimhearsnachd.”

Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain: “Bhon a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air chois, tha e air a bhith an teis-meadhan nan oidhirpean a tha daoine air a bhith dèanamh gus a’ Ghàidhlig, agus cultar is coimhearsnachdan na Gàidhlig ath-bheothachadh agus ath-nuadhachadh. Mar sin tha e iomchaidh às dèidh 40 bliadhna gu bheil sinn gu bhith beachdachadh air agus comharrachadh eachdraidh iongantach na colaiste fad na bliadhna seo ann an diofar dhòighean. Tha sinn cuideachd a’ coimhead air adhart ris na h-ath cheumannan a tha sinn a’ dol a ghabhail nar turas, na leasachaidhean mòra a tha sinn an dùil a chur air adhart mar phàirt de Bhaile na Cille Bige, obair ath-nuadhachaidh air an t-seann ‘sabhal’ aig Ostaig, agus na prògraman is iomairtean foghlaim is cultarach a bhios sinn a’ cur an gnìomh mar phàirt de obair leantainneach an t-Sabhail. Tha mi uabhasach toilichte gur e a’ chuirm-chiùil aig Celtic Connections a’ chiad phrìomh thachartas a thèid a chumail sa bhliadhna shònraichte seo, far am bi an liuthad de shàr luchd-ciùil is seinneadairean a’ tighinn còmhla gus spèis is bàigh a shealltainn dhan t-Sabhal Mhòr agus gus na tha a’ cholaiste air a chur ri cultar na h-Alba a chomharrachadh.”

Fhad ’s a leanas a’ bhliadhna, thèid an tuilleadh thachartasan a chumail gus an 40 bliadhna a chomharrachadh. Sa Mhàrt thèid oileanaich chiùil na colaiste air chuairt timcheall sgoiltean agus choimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, agus sa Ghiblean bidh luchd-ciùil is oidean bhon a’ cholaiste ann an Glaschu mar phàirt de Cheòl is Craic sa bhaile. As t-samhradh tha trì co-labhairtean mòra – Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, ‘Na Cinn-uidhe Chruthachail’ (Creative Futures) aig Alba Chruthachail, agus Na Nàbaidhean Ceilteach – gu bhith ann a’ tarraing air cànan, cultar, coimhearsnachd agus na h-ealain. Cuideachd thèid taisbeanadh a chumail le fiosrachadh is dealbhan bho eachdraidh an t-Sabhail agus san t-Sultain bithear a’ comharrachadh an latha fhèin nuair a thòisich a’ chiad chùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578